Episode details

Radio nan Gàidheal,06 Aug 2026,87 mins
Am Foillseachan ùr 'Marion', teicneòlas agus an saidheans air chùl duilgheadasan le gaol 's gràdh
Feasgar an-diughAvailable for 8 days
Tha a’ bhuidheann ealain ATLAS Arts, stèidhichte san Eilean Sgìtheanach, a' lorg pìosan cruthachail bho mhuinntir an Eilean Sgìtheanaich, Ratharsair agus Loch Aillse agus iad an dùil foillseachan air a bheil ‘Marion’ a chur a-mach ro àm na Nollaig. Tha Eilidh NicChoinnich bhon bhuidheann ag innse an tuilleadh. Nach iomadh uair a tha sinn a’ bruthadh am putan airson sguabadh as air ar coimpiutairean airson cuidhteas fhaighinn de phuist-d neo faidhlichean nach eil sinn a feumachadh tuilleadh, agus cuid dhiubh sin le fiosrachadh pearsanta neo dìomhair. Ach dè dìreach a tha a’ tachart dhan fhiosrachadh nuair a tha sinne den bheachd gun deach a sguabadh as? Tha Alasdair a' cur a' cheist air an t-eòlaiche IT, Dòmhnall Dòmhnallach. Agus, ma tha sibh air TikTok, bi sibh air mothachadh gu bheil mòran bhideothan a’ nochdadh leis a taga hais 'Attachment Theory', agus na milleanan de dhaoine gan coimhead. A-rèir choltais tha e a’ ciallachadh daoine a tha ag iarraidh dlùthas nam beatha, ach air a bheil eagal gun cuir daoine an cùl riutha aig an ceann thall. Tha an saic-eòlaiche Rachel Allan a' mìneachadh an saidheans a th'air a' chùl.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Beautiful ThingsBeautiful ThingsBenson Boone
- 2.BelieverBelieverImagine Dragons
- 3.The SwellThe SwellAmble
- 4.This Is What You Came For (feat. Rihanna)This Is What You Came For (feat. Rihanna)Calvin Harris
- 5.Ray Of LightRay Of LightMadonna
- 6.The GiverThe GiverChappell Roan