Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,10 Jun 2026,57 mins

Bùth Leabhraichean Leakey, is còmhradh le Emily NicEòghain

Naoi gu Deich

Available for 30 days

Cha bheag na tha de leabhraichean aig Bùth Leakey ann an Inbhir Nis - na deichean mhìltean mòra dhiubh. 'S e fear de na bùthan seann leabhraichean as motha an Alba; agus chuir Coinneach Mac a' Ghobhainn dùbhlan ro thriùir leabhar a lorg ann an leth-uair sa bhùth. Saoil dè thagh Dòmhnall Moireasdan, Màiri Rhind, agus Seonaidh Charity? Agus saoil dè ghlac sùil Choinnich fhèin? Tha cèiliche na seachdain gu math eòlach air leabhraichean cuideachd. Tha Emily NicEòghain air obair ùr a thòiseachadh anns na Hearadh o chionn ghoirid, is i na h-oifigear Gàidhlig aig Hebrides People - Cò Leis Thu? Thogadh i ann an Chicago, is tha i air grunnan bhliadhnaichean a chuir seachad ag obair ann am foillseachadh Gàidhlig an Albainn Nuadh... ach dè tharraing i chun a' chànan sa chiad àite? Cluinnidh sinn freagairt air a' cheist sin, agus iomadach ceist eile, 's i na cèiliche aig Cathy NicDhòmhnaill air a' mhadainn sa.

Programme Website
More episodes