Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,28 May 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 30 days

Tha poileasaidhean gu leòr gan deasbad am measg nan Làbarach an-dràsta, is ceistean ann mun t-slighe air adhart do riaghaltas Keir Starmer. 'S e cìs-beartais aon phoileasaidh a tha an dà chuid Wes Streeting, seann rùnaire na slàinte, agus Anndra Burnham, mèar Manchester, air moladh. Ach dè bhiodh ann is ciamar a dh'obraicheadh e? Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain còmhla ri Cathy gus a mhìneachadh. Cluinnidh sinn cuideachd mu na tha ag adhbhrachadh stoirmean mòra sa Chuan a' Siar - hurricanes - neo typhoons mar a th' aca orra sa Chuan Shèimh. Le seusan an dà seòrsa stoirm sin a' tòiseachadh, a bheil atharrachadh na gnàth-thìde dha-rìribh gan dèanamh nas miosa? Tha triùir òga a bhios tric a' siubhal air na busaichean - is a' gabhail am brath air siubhal an-asgaidh do dh'òigridh na h-Alba - a' beachdachadh air an diofar a tha siubhal an-asgaidh air a dhèanamh dhaibhsan. Agus air seachdain "Tha Cùram Cudromach", cluinnidh sinn bho Mharion NicLeòid a tha ag obair ann an roinn a' chùraim, agus Lindsey Charnley aig a bheil leanabh le feumalachdan sònraichte.

Programme Website
More episodes