Episode details

Available for 29 days
Tha cuairt-dheireannach an Champions League a’ dol air adhart aig arena Puskas san Ungair air an deireadh-sheachdain. Tha Ailig O’Henley air a bhith an làthair aig iomadh cuairt-dheireannach thar nam bliadhnaichean, agus tha e a’ toirt sùil air ais air na geamannan bhon cho-fharpais chliùiteach seo a tha air seasamh a-mach na chuimhne. Tha e cuideachd a’ beachdachadh air carson a tha uiread de tharraing agus cliù an lùib an fharpais shònraichte seo. Am measg còmhraidh mu Burke agus Hare agus na h-eucoirean aca, thàinig a’ cheist am bàrr cuin a tha e “ceart” uaighean a chladhach. A bheil mìneachadh no stiùireadh ann mu cuin, no carson, a tha seo ceadaichte mar phàirt de chùis eachdraidheil no àrsaidheachd? Tha an t-àrc-eòlaiche Moira Piazzoli a' toirt beagan soillearachd air a’ chùis seo. Tha Màiri Anna NicUalraig a’ toirt cunntas air sreath ùr a tha gu bhith a’ tòiseachadh air BBC Radio nan Gàidheal, air a bheil Beartas Ghuthan. Anns an t-sreath, tha Màiri Anna a’ cur fòcas air an ionnsramaid-ciùil as sine a th' ann, dè eile ach guth seinn, agus air an àite chudromach a th’ aig guthan ann an eachdraidh agus cultar.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.You Get What You GiveYou Get What You GiveNew Radicals
- 2.EvolutionEvolutionNothing But Thieves
- 3.In CommonIn CommonLayup