Episode details

Available for 30 days
Tha sinn uile eòlach air craobhan ubhail is orainsearan. Ach dè mu dheidhinn craobhan is measan rudeigin nas annasaiche - ubhalan custard nam measg! Tha Calina NicDhòmhnaill còmhla rinn le tuilleadh. Chaidh Coinneach Mac a' Ghobhainn a chèilidh air Màiri NicDhòmhnaill bho Bhoireannaich Gnothachais na Gàidhealtachd - Highland Businesswomen - buidheann a bhios a' toirt taic do bhoireannaich air feadh na Gàidhealtachd. Ach dè feum a tha sa leithid? Agus 's i Mona Houston an cèiliche a th'aig Cathy an t-seachdain sa. Eadar a h-òige ann an Siabost agus beatha-obrach eadar seòmraichean colaisde, oifisean Bòrd na Gàidhlig, agus seòmraichean teagaisg - tha fhios gum bi còmhradh air leth inntinneach ann eatorra.
Programme Website