Episode details

Available for 33 days
Anns am prògram an diugh cluinnear farsaingeachd de stoidhlean ciùil le aon nì gu sònraichte gan ceangal. Tha Evelyn Kallansee à Curacao o thùs is a chaidh a togail anns Na Tìrean Ìsle agus Declan Sinnott à Èirinn.‘S e cultar a tha na phrìomhachas dha Boubacar Samaké is e a’ leantainn slighe athair le ceòl Donso, ceòl sealg Mali air a ngoni, inneal teudadh air a thogail à gourd. Aon de na còmhlain inneal as fheàrr a th’ againn an Alba, RURA. Dithis a bha aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba, Fionnlagh Mac a’ Phiocar à Uibhist agus Sarah Hanniffy à Gaillimh. Robbie MacLeòid a tha air iomadh duais sgrìobhaidh a chosnadh airson a bhàrdachd, litreachais agus òrain. Fear a bhios tric a’ fàgail luchd-èisteachd air bhoil mar phàirt den chòmhlan Trail West, Seonaidh Mac an t-Saoir. Michael McGovern còmhla ri Josie Duncan agus Scott C. Park agus Bon Débarras, trìuir a tha air an dòigh glan a’ cluich air beulaibh luchd-èisteachd.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.The WillThe WillJosie Duncan, Michael McGovern & Scott C. Park
- 2.River, RiverRiver, RiverEvelyn & Dec
- 3.Make For JoyMake For JoyEvelyn & Dec