Episode details

Available for 29 days
Chaidh iadsan a th'air a' gheàrr-liosta airson duais ficsean nam ban ainmeachadh, agus ceathrar dhiubh sin air leabhar a' sgrìobhadh airson a' chiad turas. Tha dithis còmhla ri Emma a' beachdachadh air dè cho fallain sa tha sgrìobhadh ficsean nam ban. Airson còrr is da fhichead bliadhna, tha sreap dhà dheug steap air fhichead air thoiseach air luchd-siubhail a tha air nochdadh far threàna ann an Obar Dheathain agus a tha ag iarraidh dèanamh air meadhan a' bhaile. Ach bi faochadh ann a dh' aithghearr agus planaichean ann staidhre-dhealain a chur na àite. Tha Jo agus Michelle bhon sgioba a' togail air na staidhrichean air feadh an t-saoghail as fheàrr leotha. Tha mòran air a bhith anns na naidheachdan mu dhiofar sgoiltean anns an rìoghachd seo, agus ann an dùthchannan eile, a’ cur casg air fònaichean laimhe anns a’ chlas. Ach tha riaghaltas na Suain a’ gabhail ceumannan a bharrachd, agus iad a’ moladh tionndadh air falbh bho ionnsachadh didsiteach agus tilleadh gu leabhraichean, agus peann ‘s paipear. Ach tha a’ bheachd seo a’ cur iomagain agus a’ togail ghearain a-measg chompaidhean teicneòlais agus luchd-teagaisg a-measg eile a tha den bheachd gun toireadh seo buaidh air eaconomaidh na dùthcha, agus bacadh air clann-sgoile nuair a thigeadh e gu bhith a’ lorg obrach. Chaidh Viktor Korpi Kardell dhan sgoil as an t-Suain agus dh' innis e a bheachdan do Niall Iain.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Green EyesGreen EyesColdplay
- 2.What's Up?What's Up?4 Non Blondes
- 3.Nice To Each OtherNice To Each OtherOlivia Dean