Episode details

Available for 29 days
An-diugh sa phrògram tha Cathy a' cluinntinn mu Cheòl air Feadh na Fèinne, pròiseact a' taisbeanadh seann sgeulachdan na Fèinne air an àrd-ùrlar ann an Inbhir Nis agus san t-Eilean Sgitheanach. Cuideachd, cluinnidh sinn mu mar a tha stuthan ceimigeach bithbuan a' maireachdainn san àrainneachd - a dh'aindeoin is cho feumail is a tha iad airson panaichean air nach steig biadh, neo eadhon ann an cuid-aodaich. Ach dè na panaichean as fheàrr son còcaireachd co-dhiù, is a bheil e a' dèanamh cus diofar? Tha na còcairean Ailean MacRisnidh, Seonag Nic a' Ghobhainn, agus Lena NicIlleFhinnein a' cagnadh air a' chuspair. Cha bheag na tha de dh'fheur a' fàs mu dheireadh thall sna h-achannan. Ach an cois sin, thig sriathardaich gu leòr - agus 's iomadh Gàidheal tha fulang le fiabhras-feòir. Tha Cathy a' bruidhinn ri triùir le sròinean a chuireas dragh orrasan mun àm sa dhen bhliadhna, is am feur a' fàs.
Programme Website