Episode details

Available for 29 days
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 40: 1-2 air fonn London New agus 's e Dòmhnall Chapman a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chroisboist Salm 40: 7-8 air fonn Evan agus 's e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh Salm 67: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Iain MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh. Leughadh: Eabhraidhich 10: 4-20 Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 10: 19-20 Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha an Eilean Leòdhais. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016. Tha Mgr Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY!
Programme Website