Episode details

Available for 25 days
Tha treand ùr air na meadhanan sòisealta a' faicinn dhaoine a' feuchainn ris an nearbh vagus a chuir thuige ann an diofar dhòighean gus socrachadh a thoirt orra fhèin agus na faireachaidhean aca a chothromachadh. Ach tha obair gu math cudromach aig an nearbh vagus anns a' chorp mar a tha Niall Iain a cluinntinn bhon Dotair Catriona NicRath. Tha mòran air a bhith a' dèanamh fiughair ris an fhilm ùr aig Robert Pattinson agus Zendaya, The Drama, agus fhuair Seona NicClintock cothrom fhaicinn air an deireadh sheachdain. An dùil dè shaoil i dheth? Agus a' leantainn oirnn leis an t-sreath Fìor neo Breug, tha Ciorstan May Howarth a' feuchainn ri Niall Iain a mhealladh le dà sgeulachd fìor agus aonan na bhreug.
Programme WebsiteTracklist
- TrackArtist
- 1.Poor BenPoor BenNiteworks & Donald MacDonald
- 2.My Baby's PlaceMy Baby's PlaceDMA’s
- 3.Common People (Album Version)Common People (Album Version)William Shatner