Live now on Radio nan Gàidheal
Radio nan Gàidheal

LIVE,09:00 - 10:00
UP NEXT: 10:00 - 12:00A' Mire ri MòirTha i beachdail, tha i beòthail agus tha i feitheamh ribh le taghadh ciùil.
12:00 - 13:30Feasgar an-diughSgioba Feasgar a' lorg Ghàidheil air Sràid Bhochanain aig àm a' Mhòid.
A bheil cuid de luchd-ealain a' dol à cuimhne nuair a tha iad ag obair cuide ri feadhainn eile a tha nas ainmeile? Sin aon cheist a th' aig Cathy do dhithis luchd-ealain, is còmhradh a' leantainn mu dhìleab Kate Faulkner, a bha ag obair gu dlùth còmhla ris an ealanaiche ainmeil Uilleam Morris. Cluinnidh sinn cuideachd bhon fhear-naidheachd Ciarán Dunbar ann an Èirinn a' Tuath mu na gearraidhean ann an seirbheisean BBC Gaeilge - agus saoghal craolaidh na Gaeilge anns a' cheann a tuath fo iomagain ri linn. Agus 's e an craoladair is an cleasaiche Barrach Tony Kearney cèiliche na seachdain. Ged a tha e an-diugh dlùth-cheangailte ri obair is saoghal nam meadhanan mar stiùiriche susbaint is luchd-amhairc aig MG Alba, 's ann air a bheatha ann an iomadach diofar dhreuchd is àite as motha tha a chòmhradh le Cathy air a' mhadainn sa - agus 's math as fhiach èisteachd ris.
Programme Website










