Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Rionnagan ann a saoghal spòrs nam Ban agus airgead ann am ball-coise.

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Chaidh cuirm Dhuaisean Spòrs nam Ban a chumail Dihaoine sa chaidh ann an Glaschu. Chaidh deich duaisean a thoirt seachad mar chomharra air na lùth-chleasaichean, na sgiobaidhean agus an luchd-obrach a tha an sàs ann an spòrs nam ban.
Ann am bliadhna anns an deach farpaisean mòra a chumail, leithid Geamannan Oiliompaiceach a’ Gheamhraidh agus Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis ann an Glaschu, a bharrachd air farpaisean mòra bliadhnail leithid Wimbledon agus Prìomh Lìog Ball-coise Shasainn, tha bliadhna air leth cudromach air a bhith ann airson spòrs nam ban san fharsaingeachd.
Tha Kerry Nic a’ Phì agus Karen Mhoireasdan ag innse dhuinn cò na rionnagan ann an saoghal spòrs nam ban agus dè na tachartasan a tha air seasamh a-mach dhaibh.
Tha fios againn uile gu bheil tòrr airgid ann am ball-coise Shasainn, gu h-àraidh anns a’ Phrìomh Lìog. Leis an uiread airgead a gheibh na sgiobaidhean gach bliadhna, a bheil e doirbh dhaibh fàiligeadh an-diugh? Agus mura h-eil sgioba a’ soirbheachadh, ged a tha tòrr airgid aca, ciamar a tha an luchd-taic a’ faireachdainn mu bhith a’ leantainn na sgioba sin? Tha Mìcheal Steele agus Euan Anderson a’ bruidhinn air a’ chuspair seo.

Release date:

1 hour, 27 minutes

Broadcast

  • Tomorrow12:00