
Eapasod 07 Aislingean Pàirt 2
Sgeulachdan os-nàdarra mu aislingean à tasglann BBC Radio nan Gàidheal. Supernatural stories about dreams from the BBC Radio nan Gàidheal archive.
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIllEathain, nach maireann, a’ clàradh agus a’ cruinneachadh sgeulachdan bho air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus iomadh rud eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Seo an t-seachdamh prògram san t-sreath bho na còmhraidhean mu aislingean.
Bha Flòraidh a' còmhradh ri Tormod MacLeòid às na Hearadh, Dolina NicIllinnein à ceann a Deas nan Loch ach a bha a' fuireach annn an Blàr Athall agus an t-eòlaiche-inntinn Dòmhnall MacLeòid.
On radio
Broadcasts
- Mon 16 Nov 202615:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 18 Nov 202620:30BBC Radio nan Gàidheal