
ADHD, Duaisean Dèan Diofar agus teicneòlas.
Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment with Niall Iain Macdonald.
Tha prògram aithriseach a chaidh a-mach air sianail a ceithir mu ADHD air mòran chonnspaid agus còmhradh adhbharachadh, le gearainean air an dèanamh gu OFCOM, a bhios a’ cumail smachd air na meadhanan, mu bheachdan cuid gu robh iad mì-chreidmheach gu robh an leithid ann. Tha dithis còmhla ri Niall Iain an-diugh aig a bheil eòlas pearsanta air ADHD, Chrissie NicGillìosa a fhuair dearbhadh bho chionn dà bhliadhna, agus Ruairidh Rothach, athar do bhalach òg le òtasaim agus ADHD. Tha'd ag innse mar a fhuair iad an dearbhadh ADHD, agus mar a tha e nochdte nam beatha laitheil.
Cò againn nach bi a' gearain gu bheil sinn air fada cus ùine a chur seachad air aplacaidean eadar dhealaichte air fòn laimhe neo uidheam air choireigin? Tha sinn an dùil sùil aithghearr a thoirt air TikTok, Facebook neo Instagram, agus an ath rud tha uairean a thìde air a dhol seachad! Uill tha diofar theicneòlas rim faighinn a chumas smachd oirnn, agus tha an sgioba gu bhith a' beachdachadh air am feum a th' unnta.
Agus, anns na seachdainnean seo tha sinn a' cluinntinn beagan mu'n fheadhainn a tha air a’ gheàrr-liosta airson Duaisean Dèan Diofar na bliadhna-sa, duaisean a' BhBC a tha ag amas air daoine a tha a' dèanamh rudan iongantach dha na coimhearsnachdan ionadail aca, agus gan comharrachadh 's gan aithneachadh. An dàrna dhiubh sin an-diugh.
On radio
Broadcast
- Tomorrow12:00BBC Radio nan Gàidheal