Main content

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

'S e Seonaidh Bochanan, à Bhaltos ann an Ùig Leòdhais, cèiliche na seachdain. Seonaidh Buchanan from Valtos in Uig, Lewis is Coinneach's guest on Naoi gu Deich.

'S iomadh òran a bhios air a' ghabhail aig fèisean ciùil air feadh na dùthcha am-bliadhna. Ach nam measg, aig fèis Under Canvas, bidh òran ùr air a stèidheachadh air rannsachadh a tha daoine a' dèanamh le Tobar an Dualchais ann an Gàidhlig is a' Bheurla Ghallda. Tha Flòraidh Forrest bho Thobar an Dualchais a' bruidhinn ri Coinneach mun fharpais Sgrìobh/Scrieve.

Cluinnidh sinn mu fhèin-eachdraidh Sajid Javid, a bha roimhe na sheansailear, is Anna NicLeòid air a bhith ga leughadh.

Agus tha Coinneach cuideachd a' cèilidh air Seonaidh Bochanan - Seonaidh Sham - na dhachaigh ann am Bhaltos Ùig, an Leòdhas. Eadar bliadhnaichean an t-seòlaidh agus an iomadh bliadhna aige ag obair le caoraich eadar Ùig is Pabaigh Mhòr, 's math as fhiach èisteachd ri sheanchas.

5 days left to listen

57 minutes

Last on

Wed 18 Mar 202622:20

Broadcasts

  • Wed 18 Mar 202609:00
  • Wed 18 Mar 202622:20