Trèana-smùide Loch Abair air stad rè ùine

An trèana-smùide air drochaid-rèile Ghleann FhionnainTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Chaidh seirbheisean air an trèana-smùide a nochd anns na filmichean Harry Potter a chur dheth a-rithist ri linn dragh mu shàbhailteachd.

Chan eil an trèana a' coinneachadh ris na riaghailtean seach nach eil siostam glasaidh choitcheann air dorsan nan carbadan.

Bidh na mìltean de dhaoine a' siubhal air an trèana-smùide gach bliadhna airson na seallaidhean bòidheach eadar an Gearasdan is Malaig fhaichinn, a thuilleadh air drochaid-rèile ainmeil Ghleann Fhionnain.

Mar as trice tha an t-seirbheis a' ruith eadar am Màrt agus an Dàmhair, ach chaidh a cur dheth leis a' chompanaidh West Coast Railways.

Bha a' chompanaidh air cùis-lagha a thogail a' ceasnachadh nan riaghailtean sàbhailteachd, ach cha robh iad soirbheachail.

Tha iad a-nis a' sireadh saoraidh rè ùine bho na riaghaltan - ach tha iad air stad a chur air na seirbheisean aca san eadar-ama.

Gheibh luchd-siubhail a' bha air tiocaidean a cheannach an cuid airgid air ais.

"'S e briseadh-dùil a th' ann dhuinn gun tàinig oirnn an t-seirbheis seo a stad rè ùine, agus dh'iarramaid air ar luchd-siubhail ar leisgeul a ghabhail airson duilgheadasan a dh'adhbharaich seo do luchd-siubhail a th' air ticeadan a cheannach," thuirt manaidsear coimearsalta na companaidh, Seumas Shuttleworth.

Thuirt Oifis nan Rathaidean agus na Rèile (ORR) gu bheil iad a-nis a' dèanamh measaidh air an tagradh as ùire.

Thug iad rabhadh don chompanaidhean rèile dualchais "o chionn grunn bhliadhnaichean" gum feumadh iad saoradh iarraidh no a bhith a' tighinn a rèir nan riaghailtean ron 31mh den Mhàrt 2024, thuirt iad.

"Dh'fhàillig iarrtas West Coast Railway airson saoradh fhaighinn, agus rinn iad tagradh airson ath-bhreithneachaidh laghail," thuirt labhraiche on ORR.

"Thugadh dhaibh saoradh rè ùine gus an cumadh iad a' dol fhad 's a ràinig am pròiseas laghail co-dhùnadh.

"A dh'aindeoin seo, roghnaich a' chompanaidh ticeadan a reic nuair a bha teagamh fhathast ann gum faigheadh iad saoradh às ùr ann an àm airson toiseach an t-seusain, no idir.

"Chuir iad a-steach iarrtas airson saoradh fhaighinn air an 8mh là den Mhàrt, agus tha sinn a-niste a' dèiligeadh ri sin.

"'S e briseadh-dùil a th' ann don ORR gu bheil coltas ann nach do chuir West Coast Railway planaichean ciallach eadar-amail an sàs a chùm buannachd an luchd-siubhail."