"Bacadh" air Gàrradh MhicFhearghais tairgsinn 'son an LOTI ùr a thogail

An Lord of the Isles ga cur air bhogTùs an deilbh, GÀRRADH MHICFHEARGHAIS
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an MV Lord of the Isles a th' ann a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais o chionn 37 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Tha gàrradh shoithichean a tha fo shealbh Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil bacadh orrasan agus air gàrraidhean Breatannach eile bho a bhith a' tagradh airson an ath bhàta-aiseig mòr a thogail do ChalMac.

Dh'innis Gàrradh MhicFhearghais gu bheil na riaghailtean a tha CMAL a' cur air a' chùmhnant airson an t-soithich a thèid an àite an Lord of the Isles a' ciallachadh nach urrainn dhaibh tagradh a dhèanamh.

'S ann airson slighe Loch Baghasdail - Malaig a bhios am bàta ùr - seirbheis a th' air fulang gu mòr le duilgheadasan ChalMac le cion bhàtaichean o chionn grunn bhliadhnaichean.

Bha iomairt ann roimhe airson is gun rachadh an cùmhnant a thoirt seachad gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais.

'S e aonadh an GMB a bha air a cùlaibh is taic aca bho ghrunn riochdairean coimhearsnachd ann an Inbhir Chluaidh.

Bha an GMB ag ràdh gun robh e deatamach gur e Gàrradh MhicFhearghais a gheibheadh an cùmhnant gus an goireas a chumail fosgailte is dreuchdan an luchd-obrach a ghlèidheadh.

Aig an aon àm, bha luchd-iomairt ann an Uibhist a' cur gu làidir an aghaidh na h-iomairt sin.

Thuirt Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) gun robh e air leth cudromach nach toireadh "cleas poilitigeach" buaidh air a' phròiseas gus aiseag ùr fhaighinn dhan eilean.

Dh'iarr an luchd-iomairt ann an Uibhist "pròiseas cothromach, laghail is earbsach".

MV Glen SannoxTùs an deilbh, CHRISTOPHER BRINDLE
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an MV Glen Sannox a thoirt seachad bliadhnaichean fadalach agus na milleanan mòra thairis air buidseat ann an 2024

Air a' cheann thall, dhearbh Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt gun rachadh an cùmhant a-mach gu tairgse, ged a chaidh innse aig an dearbh àm gun rachadh cùmhnantan airson aiseagan ùra do Chaolas Bharraigh is Caolas na Hearadh a thoirt gu dìreach gu Gàrradh MhicFhearghais, rud a dh'abhraich na h-uimhir de chonnspaid.

Ach 's ann a tha Gàrradh MhicFhearghais a-nise air draghan a thogail mun phròiseas tairgse 'son an LOTI ùr is iad ag ràdh nach urrainn dhaibhsan feuchainn air.

Feumaidh gàrraidhean shoithichean a tha an dòchas tagradh airson chùmhnantan poblach ann an Alba fiosrachadh a thoirt seachad an toiseach air rudan mar an suidheachadh ionmhasail aca agus na th' aca de ghnàth-eòlas.

Tha an cùmhnant seo ag iarraidh air gàrraidhean co-dhiù dà eiseimpleir de shoithichean a thog iad sna còig bliadhna a dh'fhalbh a bha còrr is 75m meatairean de dh'fhaid a chur air adhart.

Ron seo chaidh leigeil le Gàrradh MhicFhearghais pròiseactan a bha fhathast a' dol air adhart a chleachdadh mar eiseimpleirean, mar an MV Glen Rosa.

Ach cha tachair sin an turas seo, agus dùil gum bi deireadh na bliadhna ann mus tèid an MV Glen Rosa a thoirt seachad.

Tha Gàrradh MhicFhearghais air dearbhadh gu bheil na riaghailtean ùra a' ciallachadh nach bi iad a' tagradh airson a' bhàta a ghabhas thairis bhon Lord of the Isles.

"Fhad 's gun robh sinn gu mòr airson am pròiseact seo a thoirt air ais gu Cluaidh, sheall ath-sgrùdadh mionaideach air ro-chumhaichean a' phròiseas tairgse gu bheil e, nar beachd, a-niste ao-coltach gun tig gàrradh Breatannach sam bith dan rèir," thuirt Àrd-Oifigeach Ghàrradh MhicFhearghais, Graeme MacThòmais.

"Chaidh an LOTI a th' ann a thogail an seo aig Gàrradh MhicFhearghais, agus tha e air seirbheis a thoirt do chabhlach ChalMac airson 36 bliadhna - teisteanas air càilleachd mhaireannach obair-chiùird Albannaich.

"Ach, às aonais modail a tha a' comharrachadh luach shòisealta agus eaconomaich anns an Rìoghachd Aonaichte, agus a neartaicheas sreath solair na dùthcha seo fhèin, a tha a rèir stiùiridh an riaghaltais, tha gàrraidhean shoithichean Breatannach mì-fharpaiseach an aghaidh ghàrraidhean thall-thairis a tha a' faighinn subsadaidhean mòra."

Tha aonadh an GMB ag ràdh gu bheil co-dhùnadh CMAL "do-chreidsinneach".

Dh'iarr iad air CMAL "maill a chur, le cabhag" air a' phròiseas thairgse agus mìneachadh carson a chaidh, gu h-èifeachdach, "bacadh a chur" air Gàrradh MhicFhearghais agus air gàrraidhean Breatannach eile bho bhith a' cur air adhart thairgse.

Thog an GMB dragh cuideachd aig toiseach na mìos nach eil measadh air luach sòisealta sa phròiseas a bhios ann nas motha, is iad ag argamaid gun neartaicheadh measadh mar sin tagradh sam bith à Gàrradh MhicFhearghais.

A' freagairt nan draghan sin aig an àm, thuirt John Daniel Peteranna bho SUBIG gun robh mì-thuigse ann air luach sòisealta.

"'S e luach sòisealta nan aiseagan nuair a bhios iad a' toirt piseach air beathannan dhaoine agus eaconomaidhean nan eilean tha iad a' frithealadh," thuirt Mgr Peteranna.

"Tha luchd-còmhnaidh agus gnothachasan Uibhist a Deas air fulang ro fhada agus tha iad airidh air aiseag a leigeas leis an eilean soirbheachadh."

Tha CMAL fhèin ag ràdh gun dèan an siostam taghaidh airson an aiseig ùir cinnteach gum faigh coimhearsnachdan eileanach a' bhuannachd as fheàrr bhon chùmhnant.