Loidse Inbhir Làire air a' mhargaidh

- Air fhoillseachadh
Chaidh taigh ann an Loch Abar le ceangal ri Murt na Ceapaich agus far an deach luchd-brathaidh à dùtchannan cèin a chumail san Dàrna Cogadh a chur air a' mhargaidh.
Tha an loidse beagan mhìltean bho Dhrochaid Ruaidh agus bha e aig aon àm na dachaigh do Dhòmhnallaich Inbhir Làire.
Chaidh seachdnar dhiubh a mhurt timcheall air an làraich san t-seachdamh linn deug mar dhìoghaltas 'son murt Alasdair is Raghnall MhicDhòmhnaill dà bhliadhna ron sin.
Ghlan Iain Lom an cinn ann an Tobar nan Ceann mus deach an taisbeanadh aig Caisteal Inbhir Gharadh.

Thathar a' creidsinn gur dòcha gu bheil pàirt den taigh a bh' ann aig àm nam murt anns an loidse.
San Dàrna Cogadh bha Loidse Inbhir Làire na dachaigh do luchd-brathaidh à dùtchannan cèin.
Nuair nach b' urrainn an cur an sàs air cùl loidhne na nàmhaid mar a bha dùil, bha feum air an cumail ann an àite sàbhailte is fiosrachadh dìomhar aca mu phlanaichean cogaidh Bhreatainn.
Chuir a' chompanaidh Galbraith an loidse air a' mhargaidh is iad a' sireadh thairgsean còrr is £1.3m.