CMAL "a' leantainn a' phròiseis àbhaistich" 'son soitheachan Caolas na Hearadh is Caolas Bharraigh

- Air fhoillseachadh
Tha CMAL air innse gu bheil iad a' leantainn a' phròiseis àbhaistich aca airson an dà shoitheach ùr a bha gu bhith air an togail airson slighean Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.
Dh'innse Riaghaltas na h-Alba sa Mhàrt gun robh iad an dùil gun dèidheadh na bàtaichean-aiseig a thogail aig Gàrradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh, gun na cùmhnantan air an son a chur a-mach gu tairgse.
Aig coinneamhan co-chomhairlichidh mu na bàtaichean an t-seachdain 's a chaidh, thuirt riochdaire CMAL nach robh sin comasach dhaibh-san idir agus gun robh iad a' leantainn a' phròiseis tairgse àbhaistich aca, far an tèid na cùmhnantan a-mach air a' mhargaidh fhosgailte.
Thuirt neach-labhairt Chòmhdail Alba gun robh CMAL ceart ann a bhith ag ràdh nach robh e comasach dhaibh na cùmhnantan a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais, ach gun robh sgrùdadh air planaichean an Riaghaltais a' leantainn.
Sgrùdadh a' leantainn
Tha an dàrna pàirt de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga a' dealbhachadh agus a' ceannach dà aiseig ùir a thèid air slighean Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh.
Aig na coinneamhan sin, sheall CMAL gun robh an clàr-àma aca a rèir a' phròiseis-tairgse àbhaistich aca, le dùil gum biodh a' chiad shoitheach deiseil ro dheireadh 2029.
Nuair a chaidh fhaighneachd an robh planaichean an Riaghaltais air sin atharrachadh, thuirt Lewis Hammell, Manaidsear Teicnigeach aig CMAL, "bho shealladh CMAL, chan eil e an urra rinne cùmhnant a thoirt gu dìreach do ghàrradh-togail sam bith, mar sin leanaidh sinne pròiseas-tairgse làidir a rèir laghan-tairgse na h-Alba."
Thuirt Còmhdail Alba gu bheil "Ministearan na h-Alba air a bhith soilleir gu bheil iad am beachd dà shoitheach bhon dàrna pàirt de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga a thoirt gu dìreach do Ghàrradh MhicFhearghais" agus gu bheil sin a rèir "sgrùdadh gus dearbhadh cho comasach 's a tha sin."
Thuirt an neach-labhairt gun robh an sgrùdadh sin a' leantainn agus gum biodh iad a' conaltradh le Ùghdarras na Farpais agus nam Margaidhean mar phàirt dheth sin.
Dà shoitheach ùr air Caolas na Hearadh?
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2025
Obair air tòiseachadh air bàtaichean-aiseig ùra dealain
- Air fhoillseachadh25 An t-Sultain 2025

Am plana aig CMAL airson aiseig a bhiodh comasach air 40 càr a ghiùlain.
Bha CMAL, Còmhdhail Alba agus CalMac air sreath choinneamhan a chumail aig deireadh na mìos 's a chàidh gus beachdan fhaighinn air na planaichean aca - planaichean a tha air atharrachadh bhon t-sreath choinneamhan mu dheireadh aca san t-Sultain 2025.
Mhìnich CMAL gu bheil iad air doimhneachd nam bàtaichean a lùghdachadh gu 1.9m feuch nach tèid bacaidhean a chur air na soitheachan ùra cho tric ri lìnn cho ìosal 's a tha an làn.
Tha CMAL cuideachd an dùil gum faigh iad rùm gu leòr air bòrd airson 40 'PCU' - 40 càr - le bhith gluasad nan seòmraichean airson luchd-siubhail suas os cionn nan carbadan a bhios air bòrd.
Ged a bhios aiseig comasach air 40 càr a ghiùlain mòr gu leòr airson na h-àireamhan luchd-siubhail a tha CMAL an dùil fhaicinn air Caolas Bharraigh thar nam bliadhnaichean ri thighinn, cha bhiodh sin freagarrach air Caolas na Hearadh an ceann mu 8-10 bliadhna tha iad ag ràdh.
Tha CMAL den bheachd gur e dà aiseag a chur air a' chaolas sin an dòigh as fhreagarraiche an trioblaid sin a sheachnadh, ach dh'fheumar obair a dhèanamh air cidhe an t-Òib gus am biodh àite freagarrach ann do bhàt'-aiseig ceangal air an oidhche.
'S ann le Comhairle nan Eilean Siar a tha an cidhe ann an ceann a deas na Hearadh, agus 's ann orrasan a bhiodh an t-uallach an obair sin a mhaoineachadh agus a dhèanamh, ach tha CMAL air innse gu bheil còmhraidhean a' leantainn mu dheidhinn sin.