Taighean is croitean ùra mu Loch Dubhthaich ceum nas fhaisge

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Urras Coimhearsnachd a' Chaoil agus Loch Aillse gun d' fhuair iad taic-airgid a leigeas leotha pròiseact gus taighean aig prìs reusanta a thogail ann an sgìre Loch Dubhthaich a thoirt air adhart.
Tha seo an dèidh dhaibh dà làraich ann an Ratagan agus Sàraig a cheannach bho Fhearann Coilltearachd na h-Alba far am bi na dachaighean ùra cho math ri croitean-coille ùra.
Faodaidh an t-urras a-nis leantainn orra le obair dealbhachaidh agus sgrùdaidh an dèidh dhaibh £48,680 fhaighinn bho phrògram ghrantaichean Oighreachd a' Chrùin an Alba.
Tha an t-urras an dòchas gun toir an leasachadh, air a bheil iad fhèin a' gabhail meanbh-èiceo-bhaile, cothrom do theaghlaichean òga fuireach anns an sgìre.
Fearann ga cheannach 'son baile ùr taobh Loch Dubhthaich
- Air fhoillseachadh24 An Gearran
Croitean-coille, taigheadas agus aonadan gnothachais air fàire mu Loch Dubhthaich
- Air fhoillseachadh3 An Giblean 2025
Thuirt cathraiche Urras a' Chaoil agus Loch Aillse Magaidh Byrne: "Tha sinn fhathast feumach air maoineachadh a bharrachd, airson luchd-obrach agus taic eòlaichean, airson an ìre seo den phròiseact a thoirt air adhart.
"Tha sinn an dòchas naidheachd mhath fhaighinn sna beagan sheachdainnean agus mhìosan ri thighinn a thaobh nan tagraidhean eile againn airson taic-airgid a nì cinnteach gun tèid am pròiseact riatanach seo a thoirt gu buil."
Bidh sia taighean a bhios ri fhaotainn air màl reusanta air an togail ann an Ratagan cho math ri dà ionad-gnothachais, dà chroit-coille agus gàrradh coimhearsnachd.
Bidh trì croitean-coille ann an Sàraig, dà làraich airson taigh a thogail air prìs reusanta agus prìs na margaidh fosgailte.
Bidh coinneamh phoblach ann an Talla Inbhir Ìonaid air an 30mh den Ghiblean far am faigh an sluagh a-mach barrachd mun obair.