"Leig sinn an luchd-taic sìos"

Dylan Easton a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dha tadhal a chur 'son Raith Didòmhnaich an aghaidh ICTTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gun do leig an sgioba iad fhèin agus an luchd-taic aca sìos ann an cuairt dheireannach Chupa Dùbhlain na h-Alba.

Bha Scott Kellacher a' bruidhinn is ICT air call 4-1 an aghaidh Raith Rovers Didòmhnaich.

Chaidh sgioba Chair Chaladain air thoiseach sa chiad leth le tadhal bho Innes Camshron is Alfie Stiùbhart aig ICT air am ball a thoirt dha.

Bha Inbhir Nis co-ionnan goirid às dèidh sin le breab-saor fìor mhath bhon Stiùbhartach.

'S ann a bha Raith ro làidir san dàrna leth ge-tà, an Camshronach le tadhal eile is an uairsin a dhà bho Dylan Easton.

"Briseadh-dùil mòr," thuirt Kellacher às dèidh a' gheama.

"Cha do chluich sinn mar as urrainn dhuinn is leig sinn an luchd-taic sìos agus sinn fhin sìos.

"'S e mearachdan bhuainn a thug dhaibh na tadhail is chan fhaigh thu às le sin an aghaidh sgiobaidhean bhon Championship."

Thuirt Kellacher gu bheil e a-nise a' sùileachadh freagairt bho na cluicheadairean aige Disathairne seo tighinn nuair a chluicheas iad Stenhousemuir.

Leum Stenny os cionn ICT gu mullach Lìog 1 Disathairne nuair a rinn iad an gnothach 3-0 air Hamaltan.

"Geama fìor mhòr is ma tha sinn gus a dhol far a bheil sinn 'son a dhol, feumaidh sinn a bhith nas làidire," thuirt Kellacher.

Bha fìor dhroch là aig sgioba eile na Gàidhealtachd Disathairne is Ross County a' call 4-0 aig an taigh an aghaidh Airdrieonians.

'S e "an call as miosa ann an eachdraidh Ross County" a bh' ann a rèir a' mhanaidseir aca Stuart Kettlewell agus dh'fhàg e na Staggies aig bonn na Championship.

Chan eil air fhàgail aca ach ceithir geamaichean lìge is iad a-nise ann an cunnart mòr a dhol sìos dà sheusan ann an sreath.

Tha an ath gheama aca ann oidhche Haoine an aghaidh Queen's Park ann an Glaschu.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte