Tòraidhean a' gealltainn taic do pheinnseanairean agus luchd-obrach

Russell Findlay, Ceannard Thòraidhean na h-Alba, aig foillseachadh a' mhanifesto aca a th' aige na làimh.Tùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha £500 a thoirt air ais do pheinnseanairean a chaill taic le cosgaisean connadh a' gheamhraidh air fear de na geallaidhean ann am manifesto Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba a dh'fhoillsich iad Dimàirt.

Thuirt an ceannard Albannach Russell Findlay gur e an rud as brosnachaile a thachair on chaidh an soitheach-fànais Artemis II chun na gealaich.

Bha còig prìomh gheallaidhean aca:

  • Cìsean a ghearradh

  • Piseach a thoirt air inbhean foghlaim

  • Coinneamhan nas luaithe le dotairean-teaghlaich

  • Na rathaidean a chàradh

  • Barrachd oifigearan poilis air na sràidean

Thuirt Mgr Findlay gur iad na Tòraidhean a bha riamh na "phàrtaidh gnìomhachais".

Ghearradh iad cìsean gnothachais agus na tha ann de bhiurocrasaidh.

Dhaibhsan a tha a' pàigheadh na cìs-cosnaidh, tha iad a' gealltainn gun tèid na h-ìrean a th' ann an-dràsta a ghearradh.

'S e fàs a thoirt air an eaconamaidh a th' aig cridhe lèirisinn nan Tòraidhean, thuirt Mgr Findlay.

Crathadh air sochairean sòisealta

Tha iad cuideachd a' gealltainn gum faigh peinnseanairean a chaill taic riaghaltais le cunntasan connaidh a' gheamhraidh £500 air ais.

Thuirt Mgr Findlay gun robh e nàir gun do gheàrr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte am pàigheadh.

Fon sgeama a tha iad a' moladh b' urrainn do pheinnseanairean "cur a-steach airson 's gum faigh iad air ais a' chiad £500 de chìsean a phàigheas iad air an teachd a-steach peinnsein aca", thuirt Mgr Findlay.

Tha Tòraidhean na h-Alba cuideachd a' gealltainn crathadh a thoirt air sochairean sòisealta.

Bheireadh iad a-steach uair eile sochair eile do pheinnseanairean - Pàigheadh na Sìde Fuaire - a b' àbhaist a bhith aca agus bhiodh sin a rèir na h-ìre-teothachd cumanta.

Tha iad a' moladh nach fhaigh ach a' chiad dithis chloinne aig teaghlach Pàigheadh Chloinne na h-Alba.

Molaidhean eile a' mhanifesto

Am measg nam molaidhean eile ann am manifesto nan Tòraidhean, tha a bhith a' tighinn nas cruaidh air eucoirich.

Bhiodh barrantas ann gum biodh binn fad-bheatha sa phrìosan a' ciallachadh nach fhaigheadh cuid de mhurtairean an saorsa.

Chuireadh iad às do shaoradh tràth don a h-uile prìosanach.

'S e eucoirich Albannach a chur gu prìosanan thall thairis fear eile de mholaidhean nan Tòraidhean.

Tha sgeama de a leithid aig an t-Suain agus aonta aca suas ri 600 prìosanach a chur gu prìosanan ann an Estonia.

Tha moladh connspaideach eile aca agus sin gun tèid cur às do thargaid na h-Alba net-zero a ruighinn ro 2045.

Tha na Tòraidhean a' cumail a-mach gu bheil cuid de na cosgaisean an cois dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde ro mhòr do dh'Alba, mar theasachadh uaine agus carbadan dealain.

Thèid an Taghadh Albannach a' chumail air an 7mh den Chèitean.