Prìsean ola teasachaidh nas cothromaiche do luchd-cleachdaidh

- Air fhoillseachadh
Tha dùil gum faigh daoine a tha a' cleachdadh ola airson an dachaigh a theasachadh buannachd à riaghailtean ùra a bheir dìon dhaibh nuair a tha cùisean eadar-nàiseanta a' toirt buaidh air prìsean.
Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson crathadh a thoirt air a' mhargaidh agus a riaghladh airson a' chiad uair.
Tha seo a' tighinn an dèidh do chuid de chompanaidhean òrdughan a chur dheth na bu thràithe air a' bhliadhna nuair a chuir an aimhreit san Ear-Mheadhanach prìsean ola teasachaidh suas, a' fàgail gun robh aig luchd-cleachdaidh ola ath-òrdachadh air prìs nas àirde.
Tha an riaghaltas air gabhail ri moladh Ùghdarras na Malairt is nam Margaidhean (CMA) gun tèid riaghladh na roinne ola teasachaidh a neartachadh.
Tha ministearan ag ràdh gur e ceum eile a tha seo barrachd smachd a bhith aig an roinn phoblaich air na rudan riatanach - an leithid cumhachd - a dh'fheumas daoine.
A' cur fàilte air an naidheachd thuirt BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, 's e a' bruidhinn air Aithris na Maidne, gu bheil feum air barrachd taice.
"Bha e follaiseach gun robh cuid de chompanaidhean a' gabhail brath air daoine," thuirt e.
"Tha e cha mhòr air dùblachadh"
- Air fhoillseachadh11 Am Màrt
Ola teasachaidh: brath air a ghabhail air dachannan aig tuath
- Air fhoillseachadh15 An t-Iuchar
Ath-sgrùdadh ga iarraidh air sgeama-taice ola teasachaidh eileanach
- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar
"Tha iad a' gealltainn gum bi inbhe seirbheis ann, ach feumaidh iad sin obrachadh a-mach leis a' mhargaidh, leis na companaidhean, agus nach bi daoine a' call a-mach nuair a thèid rudan ceàrr, 's gum faigh iad airgead dìolaigh bho na companaidhean.
"Chan eil iad a' coimhead ri casg a chur air a' phrìs, agus cuideachd bidh VAT fhathast air an ola.
"Thug am Prìomhaire VAT far chosgaisean dealain an-dràsta ach chan eil sin air tachairt air an ola.
"Sin ceist tha mi a' creids' 'son Roinn an Ionmhais agus 'son a' bhuidseit 's mathaid nuair a thig sin.
"Ach tha rudan a tha ceàrr fhathast sa mhargaidh airson ola dhachaighean agus feumar coimhead ri sin."
Tha Mgr Crichton cuideachd a' coiteachadh airson 's gum faigh a h-uile duine anns na h-Eileanan Siar, seach dìreach feadhainn a th' air a' pheinnsean no air sochairean sòisealta, cothrom air taic fo sgeama a bheir £300 do dachannan mu choinneimh chosgaisean ola is gas.

Thàinig àrdachadh mòr am prìsean ola is gas nuair a thòisich an aimhreit san Ear-Mheadhanach na bu thràithe air a' bhliadhna, a' ciallachadh gun robh cosgaisean teasachaidh nas motha na riamh roimhe aig dachaighean.
Fhuair an CMA gun robh 1,700 dachaigh airidh air airgead-dìolaidh an dèidh mar a b' fheudar dhaibh ola òrdachadh às ùr agus barrachd a phàigheadh air a son nuair a chaidh na ciad òrdughan aca a chur dheth le solaraichean.
Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte taic luach £53m do luchd-ceannaich ola teasachaidh a bha ann an èiginn, ach tha ministearan airson barrachd dìon a bhith aig daoine nuair a thèid prìsean slàn-reic suas.
Thuirt Ministear an Luchd-cleachdaidh Chumhachd, Polly Billington: "Bha na mìltean de luchd-cleachdaidh ola teasachaidh a' faireachdainn nach robh cothrom aca air agus bu daor an ceannach aca air le mar a chaidh prìsean ola is gas an-àirde am-bliadhna.
"Cha ghabh sinn ris an sin. 'S e rud bunaiteach a th' ann an cumhachd agus cha bu chòir do dhaoine dragh a bhith orra mu a bheil iad air an dìon sa mhargaidh."
Am measg na tha san amharc aig ministearan tha siostam riaghlaidh a leasachadh airson margaidh na h-ola teasachaidh, agus Còd Giùlain airson a' ghnìomhachais.
Thèid sgrùdadh a dhèanamh air cleachdadh a' ghnìomhachais fo am feum daoine 500 liotar ola a cheannach aig a' char as lugha agus a' fàgail gu bheil iad a' pàigheadh airson barrachd ola na tha a dhìth orra.