Moladh cosgaisean luaithreachan Inbhir Nis a ghearradh

Togalach pinc le craobhan ri a thaobh, steapaichean air a bheil daoine
  • Air fhoillseachadh

Thathar ag iarraidh air comhairlichean Gàidhealach lùghdachadh a thoirt air cosgaisean luaithreachan Inbhir Nis far a bheil prìs losgadh-cuirp gun seirbheis nas àirde na ann an goireas sam bith eile an Alba.

Tha losgadh-cuirp a-mhàin gun an seipeal a chleachdadh aig a' ghoireas air iomall Inbhir Nis a' cosg £820 an-dràsta, ach tha oifigearan a' moladh gun tèid a' chosgais a lùghdachadh gu £565.

Tha sin nas fhaisge air na chosgas e sa chumantas aig luaithreachain eile san dùthaich.

Tha aithisg, taobh a-muigh air am beachdaich Comataidh nan Coimhearsnachd Diardaoin a' moladh a' phrìs a ghearradh agus cosgaisean bith-beò a' fàgail gu bheil barrachd iarraidh ann airson tiodhlacaidhean nas saoire.

Tha iad cuideachd a' moladh Seirbheis Meòrachaidh ùr san t-seipeal a mhaireadh 15 mionaidean air chosgais £820.

Bhiodh fhathast roghainn aig daoine pàigheadh airson làn-sheirbheis a tha a' cosg £1,041, beagan nas ìsle na a' phrìs chuibheasach an Alba.

Tha an aithisg a' cumail a-mach gu bheil trioblaidean ionmhais a' toirt buaidh air mòran de theaghlaichean a th' air luchd-gràidh a chall.

Tha timcheall air 21% de na tìodhlacaidhean air feadh na Rìoghachd Aonaichte a-nis gan cumail ann an luaithreachan gun seirbheis shònraichte.

Ma thèid gabhail ri na planaichean thig na prìsean ùra a-steach ro dheireadh na Samhna.