Mowi a' fàgail Loch Airceig

Bradan
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh a' chompanaidh bhradain Mowi nach bi iad tuilleadh ag obair le làraich a bha aca aig Loch Airceig ann an Loch Abar.

Bha an obair air leantainn fad còrr air 30 bliadhna an sin, ach tha an t-aonta aca leis an uachdaran a' tighinn gu ceann.

Bidh an obair a-nis ga dèanamh aig dà làraich aig Loch Obha, a bha roimhe ag àrach brice.

A rèir Mowi, tha sgrùdaidhean air nochdadh nach eil bliadhnaichean de dh'obair a' bhradain air droch bhuaidh sam bith a thoirt air an làraich aca aig Loch Airceig.