Mowi am beachd fàs gu mòr

  • Air fhoillseachadh
Bradan

Tha a' chompanaidh bhradan Mowi a' feuchainn ri companaidh Nirrbheach eile, NTS Group, a cheannach.

Bhiodh sin a' fàgail gum biodh Mowi ag àrach cairteil de bhradan tuaithe air feadh an t-saoghail gu lèir.

'S e Mowi a' chompanaidh àraich bhradan as motha san t-saoghal, 's iad a' reic mu leth mhillean tonna de bhradan gach bliadhna.

Tha iad air £1.1bn a thairgsinn airson NTS Group, a tha ag obair ann an Nirribhidh agus Innis Tìle.

Tha comas aca-san 100,000 tonna eile de bhradain àrach, agus dh'fhàgadh sin gum biodh cairteal de bhradain tuaithe na cruinne gan àrach le Mowi.

Tha buaireadh am measg luchd-earrainnean NTS Group mun t-slighe air adhart, ach tha Mowi ag ràdh gum bi cùrsa prothaideach ann do gach taobh còmhla riutha-san.

Feumaidh margaid earrainnean Oslo ann an Nirribhidh beachdachadh air an tairgse, agus tha sùil ga cumail air cùisean an Alba.

Tha a' chompanaidh SalMar cuideachd a' coimhead am bu chòir dhaibh tairgse a dhèanamh airson NTS Group a cheannachd.

San Dùbhlachd, cheannaich Scottish Sea Farms, companaidh le SalMar agus Leroy Seafood Group, goireasan Grieg Seafood ann an Sealtainn agus san Eilean Sgitheanach.

Dh'fhaodadh gu bheil sin na shamhla air gluasad eile airson companaidhean ann an Alba a tharraing ri chèile.