Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha)

Niall Dòmhnallach (Niall a' Ghobha)

'S ann an Grèinetobht, ann a' Solas, Uibhist a Tuath, a rugadh Niall Dòmhnallach, Niall a' Ghobha (1882-1964) agus chun an latha an-diugh canar Taigh a' Ghobha ris an dachaigh far an robh a' cheàrdach aig athair. Bhuineadh cuideachd athair, Aonghas, do Phaibil agus cuideachd a mhàthar, Màiri Aonghais Chaluim, do Hòrasaraidh. Bha seachdnar ghillean agus aon nighean anns an teaghlach.

Dh'ionnsaich Niall ceàird na tàillearachd bho Aonghas Tàillear Dòmhnallach, a bha càirdeach dhan teaghlach, ann a' Loch Euphort.

An dèidh sin bha e ag obair ann an Inbhir Nis agus an Glaschu.

Chaidh Niall a leòn air an Somme aig àm a' Chogaidh Mhòir agus chaill e trì òrdagan. Cha b' urrainn dhà a cheàird a leantainn às dèidh sin agus thill e dhachaigh a dh'Uibhist còmhla ri athair agus ri mhàthar.

Bha e ri croitearachd an uair sin, a' cumail beagan chruidh is chaorach. Sgrìobh e an t-òran 'Blàr Arras' mu dheidhinn na dh'fhuiling daoine aig àm a' Chogaidh Mhòir.

'S iomadh athair fo leòn agus màthair fo bhròn
Piuthar 's na deòir iad ga fàgail
Cha tiormaich an sùil gus an tèid iad don ùir
'S gach tè dhuibh ag ionndrainn am bràthair.

Sgrìobh e òran eile mun chogadh ach feumaidh gun robh e a' toirt gu chuimhne gnothaichean a bha cho uamhasach oillteil 's nach gabhadh e an t-òran idir. Cho math ri bhith a' seinn òrain aig bainnsean is cuirmean bhiodh Niall a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais na h-Alba ann a' Solas.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.