Rugadh agus thogadh Alexandrina no Leacsaidh Chaimbeul ann an Gleann Peighinn aig ceann an iar Loch Arcaig far an robh a h-athair na chìobair aig Loch Iall.
Air program Gàidhlig a' BhBC mhìnich i far an robh dachaigh a h-òige, àite a bha air leth iomallach aig toiseach an fhicheadamh linn, 's gun ach corra theaghlach is cìobairean a' fuireach as na glinn mun cuairt:
"Àite ris an canadh iad an Srathan, shuas aig ceann shuas Loch Arcaig. Thèid thu air adhart gu Aonachan, 's thèid thu a-bhàn gu Geàrr Lochaidh 's thèid thu suas tro Achadh na Cairidh, suas can mu 17 mìle deug, gu Gleann a' Peighinn."
Bha an taigh aca mu 4 mìle bhon choimhearsnachd a b' fhaisge dhaibh, Srathan aig ceann an iar Loch Arcaig agus an t-Òban Ceann Loch Mhòrair mu 5 mìle bhuapa. Cha robh iad a' faicinn mòran dhaoine fad a' gheamhraidh ach nuair a thigeadh an t-earrach bhiodh cèilidhean a' dol eadar nan teaghlaichean, gu h-àraidh air Didòmhnaich.
Bha seachdnar a theaghlach ann agus a bharrachd air sin bhiodh cìobair eile tric a' fuireach aca. Bha obair am pailteas ri dhèanamh. Bhiodh ceithir màirt aca agus trì no ceithir a laoigh gam beathachadh. Bha mòine ri buain agus ri faighinn tioram, agus bha de bhuntàta na bhiadhadh deichnear ri chur 's ri fhàs. Bha feur ri dhèanamh agus bha cuimhne mhath aig Leacsaidh air an oidhche dannsa a bhiodh aca nuair a bhiodh na cruachan deiseil. Bha cuimhne aice cho math agus a bha Donnchadh MacRath, athair an fhìdhleir ainmeil Fearchar MacRath, air dreasadh cruach.
Bha dachaigh Leacsaidh ann an Gleann Peighinn gus an robh i naoi bliadhna deug, ged bha i an ceann a cosnaidh anns a' Ghearastan ron a' sin.
Bheireadh i greis ag obair air falbh agus an uair sin rachadh i dhachaigh a Ghleann Peighinn airson a piuthar a leigeil air falbh greiseag.
Thug Leacsaidh cuideachd greis air mhuinntearas ann am Pàislig. Thug i an uair sin còrr air 30 bliadhna a' cumail taighe do theaghlach nan Caimbeulach ann an Inbhir Làir.
Ghluais i còmhla riutha dhan Cheapaich agus thug i grunn bhliadhnaichean an sin cuideachd.
Bha Leacsaidh còrr air ceithir fichead bliadhna nuair a chaidh a clàradh leis a' BhBC. Bha i ann an Taigh Inbhir Nibheis sa Ghearastan an uair sin ach bha i cho dèidheil air òrain agus air ceòl 's a bha i nuair a bha i òg, gu h-àraidh ma bha beagan spòrs na lùib.
Chaochail Leacsaidh anns a' Ghearastan air an latha a bha i 92, air 30 Dùbhlachd, 1986.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.