Calum Mac an Tòisich

B' ann à 1 Grèinetobht ann an sgìre Sholais an Uibhist a Tuath a bha Calum Mac an Tòisich, Calum Dhòmhnaill Ruaidh a' Bharraich. Rugadh e ann an 1921 agus bha dà phiuthar is dà bhràthair aige, Ciorstaidh Màiri agus Magaidh, Uilleam agus Iain.

Phòs Calum Mòrag Fhearghasdan à Cnoc an Torrain an Uibhist a Tuath agus bha iad pòsta leth-cheud bliadhna. Bha iad a' fuireach an Ceann a' Bhàigh agus bha ceathrar chloinne aca, Mairi, Dòmhnall Eàrdsaidh, Maighread agus Iain.

Sgrìobh Calum an t-òran 'S Fhada Bhuamsa Thar a' Chuain, ris an do chuir Catrìona Garbutt am fonn, aig àm an Dàrna Cogaidh, agus, air BBC Radio nan Gàidheal, mhìnich e an suidheachadh a ghluais e gus a dhèanamh:

"Bha sinn air a' bhàta a' dol a-null gu Normandy, trì latha an dèidh gnothach D-Day. Am bàta air an robh mi, bha gunnaichean oirre. 'S e anti-aircraft a bh' innte 's bha gunnaichean air a' bhàta an aon seòrsa 's a bha sinn fhèin a' cleachdadh. 'S fhuair sinn òrdan a dhol a mhannadh nan gunnaichean.

'S e mi fhìn a' chiad fhear a chaidh suas dhan an turret far an robh an gunna, 's thàinig an uair sin a' chiad làmh a-staigh às mo dhèidh. 'S e fear a bha car charge air a' chriutha.

Agus nuair a chaidh e suas chuir e uchd air iomall an turret agus thòisich e air caoineadh. Agus bha Dover an uair sin air a dhol ann an ceò. Bha e teannadh air a dhol às an t-sealladh oirnn agus thuirt e, "O" ars esan, "Chan fhaic mise an t-àite seo tuilleadh."

"Ach!" thuirt mise ris, "Nach eil do theansa agad mar a th' againn fhèin. 'S dòcha nach fhaic sinne e cuideachd." Chaidh an gnothach seachad mar sin fhèin.

Ach land sinn co-dhiù. Cha robh sinn fada sin gus an d' fhuair sinn tachairt rinn. Ach bha sinn a' cladhach sìos dhan talamh co-dhiù airson gun defendadh sinn.

Bha gunna mòr againn airson a thoirt air tìr 's cha tàinig e riamh air tìr. Chuireadh fodha e.

Ach co-dhiù bha 'n gnothach a' dol agus 's ann às an iarmailt a bu mhotha a bha sinn a' faighinn a dhìol a dhèanamh oirnn ged a bha shelladh a' dol cuideachd.

Greis dhan oidhche suas bha mi fhìn san toll nuair a leum a' seàirdeant nuas air mo mhuin 's dh'èigh e gu feumainn èirigh a-mach, gu robh cuid mhòr dhiubh air an leòn 's air am milleadh.

Agus nuair a nochd mi mach às an toll, 's e a' chiad làmh a bha seo, bha e air bruaich an tuill agam agus e marbh.

Sin a' chiad fhear dhe na chaidh a-null cuide riumsa, a' chiad fhear a chunnaic mi air a mharbhadh, ged a chunnaic mi gu leòr dhuibh às a dhèidh sin.

Agus thàinig a feeling a bha seo annam an uair sin, dìreach tòiseachadh air cur an gnothach an tàth a chèile mar a thachair. 'S am faireachdainn a bh' agam mar a bhithinn air ais ann an Uibhist cho sèimheil agus cho sìtheil 's cho math 's a bhiodh e seach a bhith faicinn daoine gan reubadh às a' chèile agus na bha daoine a' fulang air a thàillibh."

Chaochail Calum Mac an Tòisich san Dàmhair 2002.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.