Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Peutan agus air a sheinn le: Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich.
This is a song written by: Uilleam Peutan and sung by: Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich.
Sèist / Chorus
'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh
Anns a' phrìosan an Dùn Èideann;
'S muladach mi 'n-diugh 's mi 'g èirigh.
A Dhòmhnaill Ruaidh ud ann a Hàise,
Walkigeadh air feadh a' ghàrraidh,
'S olc a thig an deise bhàn dhut,
Ged bu shràiceil air an fhèill thu.
Uilleam MacArtair 's e cho gòrach,
'S eagal aige roimh na bòcain;
Cha tig gin dhiubh tron a' chòmhlaidh,
'S cha tèid bòrd dhith as a chèile.
Tha Iain Ceannaiche nas fheàrr dheth,
Pailteas aig' de Bheurla 's gràmar;
Nì e stòraidh ris a' warder
Feuch an ann as fheàrr a ghrèidheadh.
Uilleam Peutan 's e cho seòlta,
Ged nach eil a Bheurla dòigheil;
Abraidh e "Sir" riutha an còmhnaidh,
Mar bu chòir a bhith sa Bheurla.
O, a Theàrlaich 'Ic-an-Tòisich,
'S mairg a chunnaic ort an còmhdach;
'S snasail rachadh tu 'nad fhòram,
Dol Di-dòmhnaich don èisdeachd.
Facal beag mu bhean mo nàbaidh -
Thug iad i don chùirt as àirde;
Nuair a chunnaic iad a h-àilgheas,
Cha bu dàna leo a h-èigheach.
Seonaidh MacAoidhein 's e cho brònach,
A' caoidh Anna Nic-an-Tòisich;
Chan fhaigh cìobair i no Nòrman
Chaoidh ri bheò gus am faigh e fhèin i.
Ged a tha mo leabaidh fuar ann,
Ealag agam airson cluasaig,
Nuair a thilleas mi rim chuachaig,
Cha bhi fuachd a' dèanamh èis dhomh.
Ged a chuir sibh mi 'n a' phrìosan,
A' seasamh còir airson mo sgìre,
Gheibh mi fhathast as ur h-ìngean,
'S bidh mi sìnte ri mo chiad-ghràdh.
O, a Mhàiri Mhòr nan Òran,
'S math an drama thug thu dhòmhsa;
Ach ma thilleas mise beò às,
Gheibh thu còig airson na tè ud.
Cuspair an Òrain
As t-Fhoghar 1886, bha Oifigearan an t-Siorraidh anns an Eilean Sgitheanach a' feuchainn ri toirt air croitearan fiachan a bha orra a thaobh màil is eile a phàigheadh.
Bha na h-oifigearan sin fo stiùireadh an t-Siorraidh Uilleam Ivory agus chan eil teagamh nach do leig e le feadhainn den luchd-obrach aige rudan uabhasach a dhèanamh. Mar eisimpleir, thug fear Alasdair Dòmhnallach naoidhean dà mhios a dh'aois bhon bhean-phòsda NicRath ann am Peighinn an Easa, chionns gu robh an teaghlach ann am fiachan.
Nuair a dh'fheuch an aon Alasdair Dòmhnallach ri sgrìobhainnean-cùirte a thoirt do chroitearan ann an Hearbusta, ruaig iad e, a' tilgeil phlocan air.
Rinneadh a' chiad oidhirp air croitearan Hearbusta a chuir an greim airson seo a dhèanamh air an Dòmhnallach air 27 Dàmhair, 1886, ach cha d'fhuaireadh ach dithis. Thug an fheadhainn eile am monadh orra, ach an ceann ùine, agus an dèidh do na poileis ionnsaidh a thoirt air an dachaighean, ghèill a' mhòr-chuid dhiubh.
Chaidh seachdnar an toirt mu choinneamh na h-Àird Chùirt an Dùn Èideann air 3 Faoilleach, 1887. Fhuaireadh iad ciontach agus fhuair Dòmhnall Peutan, Alasdair Mac a' Mhaoilein agus Seonaidh MacAoidhein dà mhios prìosain an urra. Fhuair Uilleam MacArtair, Teàrlach Mac an Tòisich, Iain MacCoinnich agus Uilleam Peutan mìos prìosain an urra.
Tha Uilleam Peutan, a thathar a' smaoineachadh a rinn an t-òran, ga ainmeachadh fhèin ann, mar nach b' e a rinn an t-òran idir.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu strì an fhearainn anns an Eilean Sgitheanach agus an àitichean eile ri fhaotainn anns na leabhraichean The Crofters' War le I. M. M. MacPhail (Acair, Steòrnabhagh, 1989), The Making of the Crofting Community le Seumas Mac an t-Sealgair (John Donald, Dùn Èideann, 2000) agus Tuath is Tighearna: Tenants and Landlords leis an Oll. Dòmhnall E Meek (Scottish Gaelic Texts Society, 1995)
Chaidh an t-òran 'S Muladach mi 'n-diugh 's mi 'g Èirigh a chumail air chuimhne le Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich à Hearbusta, aon de ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Ailig Mac an Tòisich / Learn more about Dòmhnall Ailig Mac an TòisichCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.