Òran air a sgrìobhadh le: Iain Tormod MacSuain agus air a sheinn le: Iain Tormod MacSuain.
This is a song written by: Iain Tormod MacSuain and sung by: Iain Tormod MacSuain.
'S ged nach cleachdadh dhomh bhith bàrdachd tha nam dhàn gun dèan mi luaidh
Air maise 's cliù is àilleachd an tè as fheàrr a dh'fhàs oirr' suaimhn'
'S gur i an tè a ghràdhaich mi air an do dh'fhàs aon bhile gruaig
'S a-chaoidh cha dèan mi tàir oirr', gus an càrar mi san ùir.
'S gur pearsach, dealbhach dh'fhàs i bho sàil gu bàrr a cinn,
A sùilean tha làn gràidh dhomh 's a còmhradh tha leam binn;
A bilean tha mar ròsan 's a pòg chan eil nas mìls',
'S cha cheil mi fhìn gu bràth nach i àilleagan mo chrìdh'.
Cha tèid e feast air dìochuimhn orm, aon oidhche 's mi ri taobh;
Bha ghealach na làn shoillse cur mais air feadh an t-saoghail,
'S nuair sheall i orms' san aodann gu h-iochdmhor, ciùin, le sùil,
Dh'fhàg siud mise cianail, 's mo chridhe reubt' nam thaobh.
Their cuid gu bheil mi gòrach 's ro òg gu bhith an gaol,
Ach cha dèan sin mo leòn-sa bhon tha mo bhòid dhith saor;
Is tha mi ann an dòchas, mur bheil mo bharail faoin,
Gum bi i agam pòsda, 's gun dìth stòras oirnn no maoin.
Rugadh Iain Tormod MacSuain ann an 1923, fear de shianar chloinne a bha aig Ruaraidh Iain Breabadair, agus Cairistiona Chaluim Pìobaire. B' e Am Bùidsear ...
Fiosrachadh air Iain Tormod MacSuain / Learn more about Iain Tormod MacSuainCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.