Òran an Operation

Òran air a sgrìobhadh le: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) agus air a sheinn le: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).

This is a song written by: iain moireasdan (Iain na h-Earraid) and sung by: dolaidh moireasdan (Dolaidh na h-Earraid).

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S ann Diluain a shoidhnig mi pàipear airson operation às ùr,
Thug mi 'n oidhche sin 's crith na mo chnàmhan 's cha dhùnadh cadal mo shùil,
'S mi cuimhneachadh m' athair 's mo mhàthar, an èiginn a bh' ac' air mo thaobh,
'S bha mi dol a-steach air an doras a bha dhomhsa na dhoras don ùir.

'S e Dotair Powell às Èirinn a dh'èirich 's a thàinig a-nall,
Bha mise agus crith na mo chnàmhan 's mi coimhead an t-snàthad na làimh,
Ach thuirt e rium ciùin, blàth gun caidlinn an cadal bha trom,
'S à sin rug e air mo ghàirdean is dh'fhairich mi 'n t-snàthad dol ann.

'S ann thòisich mi faireachdainn neònach, cha chluinninn an còmhradh ach mall,
Thòisich mi coimhead timcheall, chan fhaicinn-sa dùrd, bha mi dall,
'S ann chunnaic mi rud mar bruadar gu robh mi dol suas ann am beinn,
'S leis a' sgìths mus do ràinig mi mullach gun thuit mi 'n cadal bha trom.

'S nuair dhùisg mi sa mhadainn Diciadain bha mi ann am pian 's cha biodh ann,
Cha b' urrainn dhomh thuigse ca' robh mi na dè a chuir idir mi ann,
Bha nurs 's a làmh air mo bhroilleach 's bha teile agus grèim aic' air mo làimh,
'S nuair dh'fheuch mi ri còmhradh a labhairt, cha charaicheadh teanga nam cheann.

'S nach tuig sibh gu robh mi nam èiginn 's mo theanga air sèid na mo cheann,
Ach o gur beag an t-iongnadh ged bhithinn-sa lag agus fann,
Bha naoi òirlich de ghearradh fo mo bhroilleach air fhuaigheil le cord,
'S bha treas earrainn mo stamag ann an sileagan glainn' air a' bhòrd.

'S o uisge chan fhaighinn-s' ri iarraidh 's mi miannachadh deoch airson òl,
'S mi cuimhneachadh iomadach sruthan bha sileadh le bruthachan òige,
'S mi cuimhneachadh bothan nam balach 's a chasgaichean falamh is làn
'S gun toirinn na bh' agam air thalamh bhith ann agus glainne nam dhòrn.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.