Òran air a sgrìobhadh le: aonghas currie agus air a sheinn le: na h-Eilthirich.
This is a song written by: aonghas currie and sung by: na h-Eilthirich.
Sèist / Chorus
O theab theab 's gun do theabas ar bàthadh,
O theab theab 's gun do theabas ar bàthadh,
Hò rò theab, 's gun do theabas ar bàthadh,
Air mullach Beinn a' Cheò as a' mhòintich a b' àirde.
Nuair thòisich a' bhùireadh gun dùisgeadh car tràth mi,
Dh'fhosgail mi mo shùilean 's bha triùir air an fhaileadh,
Dh'fhaighnich mi fhìn an e fèill bh' as an àite,
No cò bu leis an sprèidh bha air èiginn a' cràladh.
Tha bhliadhna seo gleusta seach tè dhe na thàinig
Cha reic thu do chrudhachan cho luath riuth' air Màrtainn;
Sguiridh tu gam bualadh cho cruaidh as an àthaidh
Bheir thu dhaibh do dhèise 's cha tèid iad gu àirigh.
Thuirt Murchadh ri Niall g' eil e cianail air càradh,
Ciamar gheibh sinn sìos dhan an Ìochdar a-màireach?
Ciamar gheibh sinn sìos a' bhò riamhach le nàire,
'S i falbh air a glùinean 's an lùths air a fàgail.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.