Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: catrìona nic an t-Saoir.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: catrìona nic an t-Saoir.
Sèist / Chorus
A fhleasgaich òig a thèid air ais,
Null gu tìr nam fuaran bras,
Thoir beannadachan gu Peigi Ros,
Tha tàmh air uchd an fhàsaich.
Ged thigeadh ann le dùil ac' ort,
Tha samhradh air a' ghnùis agad,
Oir tha gach maise dùbailt air
An òigh os-cionn a nàdar.
Chan eil e ceart nan ceilemaid,
Cho òg 's a dhearbh i h-eireachdas.
An ceann a tuath Aimearaga
Le gnìomh is teist is tàlant.
Thoir beannachd far na fairge bhuam,
Gu d' athair na dèan dearmad air,
Bidh cuibhreann dhiubh gu Fearchar
'S gu caileagan brèagha an fhàsaich.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.