Òran air a sgrìobhadh le: Alasdair Dòmhnallach, Ceap Breatainn agus air a sheinn le: Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn.
This is a song written by: Alasdair Dòmhnallach, Ceap Breatainn and sung by: Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn.
O mo chaochladh mòr a thàinig;
O mo chaochladh, fa mo smaointean,
'S fad bho thìr mo ghaoil a tha mi.
O mo chaochladh mòr a thainig!
Gur h-e mise tha fo mhulad,
Bhon a dh'fhàg mi tìr nan curaidh;
'S mòr gum b' fheàrr na saoghal uile
Leam bhith fuireach ann am Màbou.
An t-àite am b' àbhaist dhomh bhith tuineadh,
Far an robh mi òg nam ghiullan,
'S far a bheil mo chàirdean lurach,
Gum b' e 'm burraidh mi gan fàgail.
'S beag an t-ioghnadh mi bhith tùrsach,
Dh'fhàg mi Iain 's cha b' e diù e;
Dh'fhàg mi Aonghas agus Fionnlagh
'S a' fear mùirneach sin, an Tàillear.
Gum b' e siud an t-àrmann rìoghail,
Anns na dh'fhàs an nàdar dìreach,
Tha e càirdeach dhomh trì filltean
'S mi nach diobair gu là-bhràch e.
Dh'fhàg mi ciadan às mo dhèidh
Air 'm bu mhiannach leam bhith tadhal;
'S gach aon taobh dan tugainn m' aghaidh,
Rium bu laghach iad 's bu bhàigheil.
'S iomadh mire agus banais
Air an d' rinn mi oidhche chaithris,
Ann am measg nan daoine glana
A bha fanachd ann am Màbou.
Ann an àm bhith cluich a' chiùil dhaibh,
Gum bu ghrinn iad air an ùrlar,
Dhannsadh iad ro chridheil, sunndach,
Modhail, ionnsaichte, gun fhàillinn.
Chan eil ann an-diugh ach tuaileas,
Gad a dh'fhàg e mi fo bhruaillean,
Liughad oidhche bha mi bruadair
Bhith mu bhruachan abhainn Mhàbou.
'S truagh, a rìgh, mar dh'fhàg mi 'n dùthaich
Anns an d' àraicheadh an tùs mi;
Thar gach àite chì mo shùilean
Tha mo rùn air abhainn Mhàbou.
Thoir an t-soraidh seo le dùrachd
Dh'ionnsaidh 'n àite sin a b' iùil dhomh,
'S ann à Mabou tha mo dhùchas,
Gur e siud an dùthaich àlainn.
Thug mi sgrìob a-null am bliadhna,
'S b' e siud leams' a' sealladh brèagha,
'G amharc nan àiteachan ciatach
Far 'm bu mhiannach leam bhi tàmhachd.
Ach nan tuigear fàth mo mhulaid,
'S beag an nàire dhomh bhith tuireadh,
Bho nach eil an dàn dhomh tuilleadh
A bhith fuireach ann am Màbou.
A rèir an leabhair 'Guthan Prìseil', deasaichte le Anne Landin, a chaidh fhoillseachadh ann an 2010 ann an Ceap Breatainn, b' i Anna Dhòmhnallach nighean ...
Fiosrachadh air Anna NicDhòmhnaill, Ceap Breatainn / Learn more about Anna NicDhòmhnaill, Ceap BreatainnCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.