Mo Nighean Donn Bhòidheach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Màiri Anna NicGillFhinnein.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Màiri Anna NicGillFhinnein.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Na hù a ho rò hù bha hò
Mo nighean donn bhòidheach
Na hù a ho rò hù bha hò.

Gur e mis tha trom deurach
'S deoch mo rèitich air tòrradh.

Nuair a ràinig mi am baile
Cha robh aighear na ceòl ann.

Bha na mnathan ri fuaigheal
'S bha na gruagaichean brònach.

'S daor a cheannaich mi an t-anart
Chaidh a bhannadh mud dhòrnaibh

'S Thus' a chruthaich na dùilean
Cùm mi gun a dhol gòrach.

Cùm mo chiall rium 's mo ghliocas
Gus an tig Thu gam fheòrach.

Tha dreach eile de na facail mar a leanas:

'S dubh a choisich mi 'n oidhche
Chun a' mhaighdinn bu bhòidhche.

Chaidh mi còrr is naoi mìle
Anns an tìr 's gun mi eòlach.

Nuair a ràinig mi 'm baile
Cha robh dad mar bu chòir dha.

Bha na mnathan ri fuaigheal
'S bha na gruagaichean brònach.

Bha mòran luchd-guil ann
'S cha robh guth air luchd-ciùil ann.

Bha mo ghràdh-sa bu dìleas
Na sìneadh san t-seòmar.

Na laighe fon uinneig
'S cha chluinneadh mo chòmhradh.

'N deoch a thug mi gu banais
Air an talamh chaidh a dòrtadh.

'S fhad 's is beò mi air thalamh
Siud mo chuid den a' phòsadh.

Seinneadairean / Performers

Màiri Anna NicGillFhinnein

B' ann às a' Ghearastan a bha Màiri Anna NicChoinnich, ach bha ceangal làidir aice ris an Rubha an Leòdhas. Chaochail am màthair 's gun ...

Fiosrachadh air Màiri Anna NicGillFhinnein / Learn more about Màiri Anna NicGillFhinnein

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.