Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu agus còisir ghàidhlig an leargaidh ghallda.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: ceòlraidh ghàidhlig ghlaschu and còisir ghàidhlig an leargaidh ghallda.
Sèist / Chorus
Mhàiri mhìn mheall-shuileach,
'S toigh leam fhìn cruinneag a' chruidh;
Nighean donn nam meall-shuilean,
Air m' fhallain thug mi spèis dhut.
Is mise tha gu brònach,
Nach fhaod mi fuireach còmhla riut,
'S mi tarraing air na ròpan,
'S a' chòrcach air mo lèine.
Air a' mheadhan-oidhche,
Ged b' ann am bàrr a' chroinn e,
Bhith cuimhneachadh do choibhneis,
Gun tug e roinn dem chèill uam.
Nuair rachadh i don bhuaile
A bhleoghan a' chruidh ghuaillinn,
'S e 'n ceòl as binne chualas,
A duanagan gan èisteachd.
Cha b' e meud do stòrais
A chuir mi fhìn an tòir ort,
Ach caileag laghach bhòidheach,
Bhith còmhla rium ag èirigh.
Ged tha sinn gann de stòras,
Chan eil sinn gann den òige;
'S a chaoidh cha dìobair lòn sinn,
Ma bhios sinn beò le chèile.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.