Idal Udal / A-null Thar Nan Eileanan

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir (Inbhich) agus còisir òg na h-Eaglaise brice.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir (Inbhich) and còisir òg na h-Eaglaise brice.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.
Idal udal tilg an cuigeal,
Idal udal Ìna,
Idal udal tilg an cuigeal,
Cuide ri Catrìona.

Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh rolaig,
Cuide rithe snìomhadh,
Cuide rithe dèanamh mhogan
'S osain mholach rìomhach.

Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe 'n crò nan gobhar,
Cuide rithe sna dìgean,
Cuide rithe danns' a' chlobha,
Ogha Bhaldai Chìobair.

A-null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn,
A-null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn,
A-null thar nan eileanan dh'Ameireagaidh gun tèid sinn,
A-null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann.

'S e siud am port a bh' againne dol seachad air Dùn Èideann,
'S e siud am port a bh' againne dol seachad air Dùn Èideann,
'S e siud am port a bh' againne dol seachad air Dùn Èideann,
A-null rathad Shasainn agus dhachaigh rathad Èireann.

Tha pìoban gan spreigeadh agus feadanan gan gleusadh,
Tha pìoban gan spreigeadh agus feadanan gan gleusadh,
Tha pìoban gan spreigeadh agus feadanan gan gleusadh,
A h-uile fear le it' na bhonaid, sporan air is fèileadh.

B' e siud na gillean togarrach, b' e siud na gillean èibhinn,
B' e siud na gillean togarrach, b' e siud na gillean èibhinn,
B' e siud na gillean togarrach, b' e siud na gillean èibhinn,
B' e siud na gillean sgiobalta is b' iollagach an ceuman.

Mun d' fhàg sinn crìochan Shasainn is a dhealaich sinn ri chèile,
Mun d' fhàg sinn crìochan Shasainn is a dhealaich sinn ri chèile,
Mun d' fhàg sinn crìochan Shasainn is a dhealaich sinn ri chèile,
Gum b' aighearach na caileagan a' crathadh an cuid bhrèidean.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.