Fàilte Dhut is Slàinte Leat

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir òg a' bhac.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir òg a' bhac.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Fàilte dhut is slàinte leat,
'S i 'n fhàilte chuirinn às do dhèidh,
Fàilte dhut is slàinte leat.

Fhleasgaich òig a dh'fhàg an dùthaich,
'S e mo dhùrachd dhut gu dian;
Turas taitneach 's ruigheachd sàbhailt,
Dh'ionnsaigh 'n àit' an d' rinn thu triall.

Bhon a dh'fhàg thu càirdean gaolach,
Tha gach aon fo àmhghar geur;
Tha gach sean is òg fo mhì-ghean,
Is gach nìghneag sileadh dheur.

Nàile! ghuidhinn dhut gun bhrosgal
Slàinte, sonas agus miadh;
'S cuibhl' an fhortain bhith dol timcheall
Ceart mar fhreagras i dod mhiann.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.