Dùthaich nan Craobh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: sammy macDhòmhnaill.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: sammy macDhòmhnaill.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

A bhith fàgail na dùthcha 's a bhith càradh na siùil rithe
'S a bhith stiùireadh a cùrsa gu dùthaich nan craobh.

Gura mise tha fo smuairean 's mi seòladh thar chuantan,
Is mi 'g ionndrainn nan duanag 's tric a fhuair mi om ghaol.

Didòmhnaich mun d' fhàg mi is mi coiseachd na sràide,
Thachair orm-sa mo mhàldag le blàth-shùilean caoin.

Nuair a bha mi lem ghràdh-sa ann an dùthaich nan àrd-bheann,
'S tric a dh'èist mi ri mànran fo sgàile nan craobh.

Thoir mo shoraidh thar sàile ceud soraidh gu bràth uam
Dh'ionnsaigh rìbhinn nam blàth-shul tè 's fheàrr leam san t-saoghal.

Ach ma bhios mi maireann, 's tighinn sàbhailte dhachaigh,
Cha tèid mi tuille gu marachd nì mi fanachd sna caoil.

Faiceam long a' dol dhachaigh gu Albainn no Sasann,
Sgrìobhaidh mise gum leannan gur maireann mo ghaol.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.