Cumha Mhgr MhicRath

Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacNeacail (An Sgiobair) agus air a sheinn le: Iain MacNeacail (An Sgiobair).

This is a song written by: Iain MacNeacail (An Sgiobair) and sung by: Iain MacNeacail (An Sgiobair).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Tha 'n Eaglais Shaor a' Steòrnabhagh
An-diugh fo bhròn 's i caoidh,
Ag ionndrainn aon bu lòchran dhi
'S bu threòir dhi ri àm teinn.
Tha e nis air a dhol gu Pàrras
Do àros an Àrd-Rìgh,
Far bheil e aig a' làthaireachd
Gu bràth air nach tig claoidh.

'S a Mhaighstir 'ic Rath, bidh ionndrainn ort
Mar cheannard-iùil ar slòigh;
'S tu shèideadh dhuinn an trompaid
Nuair bhiodh cùisean dol far dòigh.
Do theagasg a bha cho drùidhteach
Ann bhith dùsgadh sean is òg;
Bha mòran air an tionndadh leat
Gu slighe dh'ionnsaigh glòir.

Bu shaothaireach anns an fhìon-lios thu
Gach bliadhna bha thu san fheòil
Cur aolach mu na freumhan
Bha crìonadh 's iad gun deò.
Thu tagradh gum biodh mìorbhail
Bho Chrìosda gan toirt beò;
Bha coimhlionadh air t' iarrtas
Tha iarmad dhiubh an glòir.

Tha cuid eile air fhàgail dhiubh
Tha cràiteach as do dhèidh.
Tha dòchas math tro ghràs aca
Gun d'fhuair iad fàbhar Dhè;
Gu faic iad anns an là sin thu
Nuair ghabhar ris an treud,
Nuair nach sgar am bàs sibh
Gu bràth o aon a chèil'.

Ar leam gur mòr de ghàirdeachas
An Tìr Chanàain shuas.
Tha do chomann ris na fàidhean
Man tric a bha thu luaidh.
Chan eil roinn na pàirtean ann
Gach aon toirt gràdh bith-bhuan
Don Tì bu charraig shàbhailt' dhut
San fhàsach rè do chuairt.

Bidh cuimhne mar a' Fìrean ort
Leis an linn a thig nar dèidh;
Gum b' e Israeileach da-rìr' thu
Bha gluas'd an slighe Dhè.
Gur mòr a bhios an dìteadh
Do nach d' chreid bhuat brìgh na sgèil
Bu chòir bhith dhuinn nas prìseile
Na nì sa chruinne-chè.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh mu bheatha an Sgiobair agus a bhàrdachd anns an leabhar Hebridean Song-maker: Iain MacNeacail of the Isle of Skye le Tomas A. McKean. Chaidh fhoillseachadh le Polygon an Dùn Èideann ann an 1997 agus tha CD de dh'Iain a gabhail òrain an cois an leabhair.

Tha iomradh air a bheatha cuideachd anns an leabhar Voice of the Bard le Tim Neat a chaidh fhoillseachadh le Canongate an Dùn Èideann ann an 1999.

Seinneadairean / Performers

Iain MacNeacail (An Sgiobair)

Iain MacNeacail (An Sgiobair)

Rugadh Iain MacNeacail, An Sgiobair mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, air 30 Dàmhair, 1903, ann an Siadar san Eilean Sgitheanach. Bha ochdnar chloinne ...

Fiosrachadh air Iain MacNeacail (An Sgiobair) / Learn more about Iain MacNeacail (An Sgiobair)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.