Cuairt an Tìr Chèin

Òran air a sgrìobhadh le: Pàdraig Caimbeul (Bàrd Bhràgair) agus air a sheinn le: Murchadh MacIllEathain (Am Provost).

This is a song written by: Pàdraig Caimbeul (Bàrd Bhràgair) and sung by: Murchadh MacIllEathain (Am Provost).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sheòl mi an-uiridh, òr gam fhuran
Sheòl mi an-uiridh cuan an t-sàile;
Seòladh taobh na Stàitean Aonaicht'
Bho mo dhaoin' an tìr nan àrd-bheann.

Siubhal air long mhòr a' chuain,
Le stuadhaibh guail bho pìoban àrda,
Siud a' Lebhiatan luath
B' e dà Dhi-luain a rinn sinn tàmh oirr'.

Nuair a dh'fhàg sinn fearann Èirinn,
Dùd ag èigheach rinn gun sheòl sinn;
Togail oirr' don àird an Iar,
Le mìle 's ceud againn air bòrd oirr'.

'S iomadh fear is tè bha tùrsach,
'S a chuir an cùlaibh gu bràth ris
Leigeil soraidh leis an dùthaich,
Nuair thòisich a' roth-cùil a' bàireadh.

Ach nuair ràinig sinn a-null
Gu tìr Cholumbais 'n àm an àitich;
Ghiùlain carbaidean na smùid
Sinn suas an dùthaich air feadh an àite.

Siubhal tro mhonaidhean gruamach,
Coilltibh buan a ghiuthas bàn ann
Chan fhaicinn fearann no aonaich
Aig barraibh nan craobh len àirde.

Ach dh'fhosgail na lianagan feòir dhomh,
'S fhuair mi 'n còmhnard fo mo shàiltean,
Gun chraoibh ri fhaicinn na chòir,
Ach taighean mòr is sìgean tràthach.

Seo am plèine mòr man cualas,
'S a bha uaireigin na fhàsach;
Aig a' chrodh fhiadhaich nam mìltean,
'S aig na h-Innseanaich na Àrois.

Ach tha caochladh air an àm sin,
Cha ruith na h-eich-allt' air àrainn,
Chuireadh bho shiubhal na buabhaill
Le gunna 's luaidhe chloinn Iàphet.

Siud an tìr 's an àite fialaidh,
Dh'fhàs a' sìol gun todhar bàthaich,
'S an cruithneachd aig àite bualaidh,
Mar thìoradh cruaidhicht' on àthaidh.

Ach ma dh'fhàilnicheas a' fonn
'S a bhrìgh air lunn a bhith ga fhàgail;
Chan e feamainn dearg na brùcainn
Chumas a shùgh dhaibh an àirde.

Tha do chloinn ag òl san àm ann
Sùgh nach gann à smior a' ghràinne,
As gach fineadh agus tìr
A chruinnich nan dìobaraich làmh riut.

Chan eil cinneach san Roinn Eòrpa
Nach d'fhuair iad sgòid ann am pàirt ann,
Dèanamh an dachaigh sa chòmhnard
'S faobhair a' chroinn mhòir ga àiteach.

Chunnaic mi gach seòrsa dhaoine
Mar a sgaoil iad às gach ceàrnaidh
Daoine buidhe 's daoine dearga
Ach 's beag a dh'aithnichinn-sa den cànan.

Chunnaic mi gach seòrsa sluaigh ann,
Fuil nan uasal ann am pàirt dhuibh,
Clann Mhic Mhathain on taobh tuath,
'S e siud mo shluagh a thaobh mo mhàthar.

Ach chunnaic mi na daoine seòlta
Shàbhadh stòr à foileadh chàich ann,
'S mar nach d'fhuair iad e le còir,
Gun dh'fhalbh an t-òr eadar a làmhan.

Chunnaic mi na daoine caomhantach
'S gann a lùthaigeas iad air càch rud
Iad cho cruaidh ri glasan dùbailt'
Aig an ùmaidh air a' mhàileid.

Ach 's ann ann tha daoine còir'
A chuireadh fògarraich an àite,
Còir mar fhaoileagan le seòin ac'
'G èigheach lòn ma 'm bi iad sàthach.

Clann ann Gàidheal 's clann na Gàidhlig
Thogadh mùirneach blàth a Leòdhas,
Sliochd nan daoine còir a bha
'S a fhuair an àirde gu bhi dòigheil.

Clann Lochlainn on àirde tuath
'S lìonmhor shuas air feadh an àite,
Thaghainn iad ro chloinn na Suain
A chumail cluaiseanachd ri nàbaidh.

Clann na Gearmailt air a' phrèiri
Tha iad fèineil ann an nàdar,
'S mar a bi toiseach nan ceum ac'
Buailidh e gu geur an àrdan.

Sheall leam cuid le aodainn ghruamach
A las tuairisgeul bho chàch iad,
Thiormaich an cladhannan suas dhomh
Mar dheòghlas sguabag na Màrta.

Ach mo shoraidh chun Dacota
Air cuan mòr nan gaoithean làidir,
Dh'ionnsaigh fuigheal a tha m' ùidh orr'
'S leis nach b'fhiù mo chur fo phràmh ann.

'S iomadh fear a dh'fhalbh an cèin
A' cluinntinn sgeula mhòr o chàch air,
Dh'fhàg an ulaidh às an dèidh
'S riamh nach d'fhuair an greim a dh'fhàg iad.

Chunnaic mi e dh'fhalbh dha dheòin
'S dùil aige ri pòcaid làn às,
'S mòr gum b'fheàrr e mas do sheòl e
Biadhadh a' lìn mhòir am bàta.

Cha e dìth nam bonnach choirce
A chur le phoca e air imrich,
Ach nach fulaing seangan socair
'S toiseach aig' air a dhol iomrall.

Chunnaic mi na dh'fhalbh le fòirneart
Air am fògradh às an àite,
Fhuair a saibhlean làn do stòr
'S an clann ag òl às dheth le àilgheas.

Chan ann don fhear luath a rèis
No buaidh na streup don duine làidir,
Ach tha tuiteamas is àm
Cur mìle bonn thuige gun mhàladh.

Ach nuair thog mise orm gu triallas
Bha camadh nam bial a' gàireadh,
Is priobadh na sùl le siatadh
Gabhail iongnaidh rium ga fhàgail.

Ged bhiodh iad a' tàmh an Eden
Dh'fhòghnadh eud a bhi cho àrd ac',
Nuair tha iomadh rud san tìr
A dhèanadh ìomhaigh Bhìnuis grànda.

Ma tha Pàrras ann an dàimh ris
Le sonas nan ainglibh àirde,
Chì mi 'n daoimean leis a roinn,
Is chan eil camp anns nach eil Àchan.

Ach thèid mise dhùthaich m' òige,
Far an seòlainn dlùth a làrag,
'N àit' am bheil a' chuideachd shunndach
Dh'fhàisgeadh trom air a' ràmh-bràghad.

Seadh thèid mise dhachaidh dìreach
Chùm mo dhaoine mar a b' àbhaist,
'S gheibh mi 'n tràigh-thonnag 's am maorach
Nuair a tha Sgeir Mhaol is tràigh oirr'.

Tuilleadh Fiosrachaidh

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Phàdraig Caimbeul ri fhaighinn anns an iris Gairm, Àireamh 96, Leabhar 24, agus tha h-aon deug de na dàin aige anns an leabhar Bàrdachd Ghàidhlig le Pàdraig Caimbeul, a chaidh fhoillseachadh le Donnchadh Grannd an Inbhir Nis.

Seinneadairean / Performers

Murchadh MacIllEathain (Am Provost)

Rugadh agus thogadh Murchadh MacIllEathain, mac Mhurchaidh Aonghais Iain, air an robh mar fhar-ainm "Am Provost", ann am Bràgair agus chuir e seachad a bheatha ...

Fiosrachadh air Murchadh MacIllEathain (Am Provost) / Learn more about Murchadh MacIllEathain (Am Provost)

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.