Cò th' ann ach Anna mo Nighean / Somhairle agus Màiri Bhàn

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir bhun-sgoil a' chaol.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir bhun-sgoil a' chaol.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i na ruith air feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i, cò ach i air feadh an taighe.

Cò th' ann ach Anna mo nighean ruith gun sgìos air feadh an taighe,
Null 's a-nall a' ruith na deann, 's i fhèin a th' ann is i na cabhaig.
Cò th' ann ach Anna mo nighean 's i ri mireag feadh an taighe,
Cò ach i, cò ach i, cò ach i air feadh an taighe.

Sèist / Chorus

Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.
Hì hò Somhairle, hò hò Somhairle,
Hì hò Somhairle, Somhairle agus Màiri bhàn.

Somhairle cho meanmnach, aighearach is earbsach,
Bidh e moch is anmoch a' seanchas ri Màiri Bhàn.

Gheibh sinn air an t-Samhain seo banais a bhios ainmeil,
Ach thigeadh Iain Ailein is 's ann aige-san bhios Màiri Bhàn.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.