Òran air a sgrìobhadh le: iain caimbeul (Muile) agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig a bhogha mhòr (Mnathan) agus còisir òg cheòlraidh ghàidhlig ghlaschu.
This is a song written by: iain caimbeul (Muile) and sung by: còisir ghàidhlig a bhogha mhòr (Mnathan) and còisir òg cheòlraidh ghàidhlig ghlaschu.
Sèist / Chorus
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin,
Na h-eòin, na h-eòin bhòidheach, bhinne,
Chluinn mi na h-eòin, 's binn leam na h-eòin.
'S binn leam fhèin na bha mi 'g èisteachd
Madainn Chèitein 's sprèidh a' sileadh.
'S binn leam smeòrach air bhàrr geug
Is uiseagan san speur ri iomairt.
'S binn leam coileach dubh ri dùrdail
'S cearc an tùchain dlùth ga shireadh.
'S binn leam cuthag le gug gùg
Sa mhadainn chiùin air stùc a' ghlinne.
'S binn leam guth na h-eala bhuadhaich
Luinneag 's gloine fuaim air linne.
'S binn leam na iad siud gu lèir
An naidheachd èibhinn a fhuair sinne.
Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.