Cha Tig Mòr Mo Bhean Dhachaigh

Òran air a sgrìobhadh le: donnchadh macDhòmhnaill agus air a sheinn le: na h-Eilthirich.

This is a song written by: donnchadh macDhòmhnaill and sung by: na h-Eilthirich.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Cha tig Mòr mo bhean dhachaigh
Cha tig Mòr mo bhean ghaol:
Cha tig màthair mo leanaibh
Nochd a laighe rim thaobh.

Tha an crodh mòr anns an eadradh
'S iad a' freagairt nan laogh:
'S tha Mòr an Dùn Bheagain
'S cha fhreagair i 'n glaodh.

Tha m' fhàrdach-sa creachte;
'S trom mo leac 's gura fuar;
S ann tha m' ionntas 's mo bheairteis
Fo na leacan na suain.

Tha m' aodach air tolladh
'S tha m' olann gun snìomh,
Agus deagh bhean mo thaighe
Na laighe fo dhìon.

Tha mo chrodh-sa gun leigeadh
'S tha 'n t-eadradh aig càch,
'S tha mo leanabh gun bheadradh
Na shuidh air an làr.

Fasaidh fras air an iubhar,
Fàsaidh duilleach nan craobh,
Fàsaidh fras air an luachair
O cha d' fhuair mo bhean-s' aois.

'S ged a dhèanainn-sa pòsadh,
Mar bu chòir dhomh ad dhèidh,
Tha sac trom air mo chridhe
Nach tog fidheall nan teud.

'S dèan cadal, a leanabh,
'S thoir an aire mar thà:
Tha do mhàthair fo leacan
'S chan eil m' achlais-s' ach fàs.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.