Bothag na h-Àirigh

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: murchadh macLeòid.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: murchadh macLeòid.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Bothag na h-àirigh, hì ri,
Gleannan an fhàsaich, he ho ro eile,
Bothag na h-àirigh, hì ri,
Chunnaic mi luaidh mo chridhe 's mi ann.

Siubhail an fhàsaich pàiteach, sgitheach,
Ràinig mi 'n àrigh tràth san oidhche,
Thachair sin rium a' mhaighdeann
Is dh'fhaighnich i am bu sgìth mi, tighinn gu...

Gur dh'fhaighnich i am bu sgìth mi,
No fanainn fad rè na h-oidhch ann,
Fhreagair mi i le aoibhneas,
Nam faighinn-sa coibhneas nìghneag ann am...

'S dh'fhanadh tu rè na h-oidhch ann,
Nam faigheadh tu coibhneas nìghneag ann,
Ach dh'fhaodadh ise bhith foill riut, is tusa bhith foill ann,
Is ise 's a' luinn a dhìth oirre ann am...

Nis chuibhrig thusa do bhòrd dhomh,
Is thug thu le furan do phòg dhomh,
Leumadh mo chridhe le sòlas,
Nam faigh-s' an còrr a bha dhìth orm ann am...

Nis chuibhrig mise mo bhòrd dhut,
Is thug mi le furan mo phòg dhut,
Ach chunna mi 'n-diugh gum bu gheòcaire thu,
'S gur tuilleadh 's do leòr a bha dhìth ort ann am...

Am bothag na h-àirigh 'm bràigh a' ghlinne,
Cha d' fhuair mi bhuat na bha mi sireadh,
Gur sin a dh'fhàg m' inntinn trom fo mhulaid,
Gur d' rinn mo bhileag a mhùchadh ann am...

Gheibhinn siud air an àirigh,
Uachdar bainne agus blàthach,
Gheibhinn gach nì mar a b' àill' leam,
Ach chan fhaighinn-sa càil a bha dhìth orm an am...

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.