Badan Fraoich

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: peigi chaimbeul.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: peigi chaimbeul.

Facail an Òrain / Song Lyrics

'S chan eil luibh a' fàs fon ùir, no flùr fo ùrach Dhè,
Is docha leam na 'm badan fraoich a thachair rium-s' an-dè,
Nuair dh'fhosgail mis' an doras cùil 's a ghlac mo shùil do gheug
Gun d' thug do dhreach gu grad mo smuain air ais gum m' dhùthaich fhèin.

'S ged nach lìbhrig mi mo làmh, ceud mìle fàilt' ort fhèin,
Nach tric a lùb mi thu fo m' shàil 's a shàraich thu mo cheum,
'S ged a chuirinn thu na 'd smàl, chan ann le gràin fon ghrèin,
'S mi smaointinn g' eil thu loma-làn dhen chànail agam fhèin.

Chan eil nì a dh'òrdaich Dia nach dèan mi air do sgàth
Gu faigh thu fhèin gu daingeann sìos do fhreumhaichean an sàs,
'S ged tha fios 'am nach e chrèadh bu mhiannach leat fo d' shàil
'S ann chleachd thu fhèin a bhith gad bhlian mu chliathaich nam beann àrd.

'S gur iomadh dachaigh ri droch shian a' chùm thu dìon fo bhlàths
Nuair bhiodh an seann duine gad shnìomh 's bu bhrèagha tha gnìomh a làimh,
Ach bidh do bhratach air an t-sliabh gu sìorraidh dol an-àird'
'S gu faigh do fhreumag-sa gur miann, 's cha chrìon i gu latha-a-bràth.

Gur tusa fhraoich an cuspair gaoil a thog mo shunnd ri dàn
'S a chuir air ghleus mo rifeid-chiùil 's i call a lùiths na tàmh,
'S tha fhios gur' tus an sealladh sùil fo dhriùchd na madainn àigh
A thug mo bheannachd air gach flùr a th' air do chrùn a' fàs.

'S bhon tha 'n teang' air fàs car aost tha 'm faothar aic' air cnàmh
'S ged tric a ghleus mi rifeid-chiùil chan èistear rium an-dràst',
Ach bhon tha mis' air bheagan tùir chan fhaod mi dhol ro dhàn
Mas saoil iad gu bheil bàrr an fhraoich an dùil ri crùn a' bhàis.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.