An Gille Guanach

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: còisir ghàidhlig lacasdail agus còisir ghàidhlig phort rìgh.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: còisir ghàidhlig lacasdail and còisir ghàidhlig phort rìgh.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Sèist / Chorus

Mo ghille guanach hug ì ri ò ro
Mo ghille guanach ho ro bha hì,
Fhleasgaich uasail an leadain dualaich
Tha mi fo ghruaim bhon a dh'fhàg thu 'n tìr.

'S ann Didòmhnaich a' dol don chlachan
A ghabh mi beachd ort am measg nan ceud,
Ge b' e gòraich e na faoineachd,
'S e 'n ceangail gaol sinn an snaim nach gèill.

Tha do chalpannan foinnidh dealbhach,
Gun bhith garbh is gun bhith caol,
Gura bòidheach glan a dh'fhàs thu,
'S gur h-iomadh àilleachd a th' air mo ghaol.

Thuirt iad rium gu bheil thu bàidheil,
Gu bheil do ghràdh air a h-uile tè,
Gus am faic mi e nad àbhaist,
Mise a ghràidh, cha chreid an sgeul.

Nuair a thèid thu do Dhun Èideann
Fear do cheuma chan fhalbh an t-sràid,
Bidh na Baintighearnan uil' an dèigh ort,
'S bidh mi fhìn mar thè do chàch.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.