Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Inbhir Nis) agus air a sheinn le: Ceathrar à Còisir Eaglais Chaluim Chille agus còisir òigridh.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Inbhir Nis) and sung by: Ceathrar à Còisir Eaglais Chaluim Chille and còisir òigridh.
Sèist / Chorus
Thèid i 's gun tèid i leam
Leam-sa gun tèid mo leannan,
Thèid i 's gun tèid i leam.
Chionns gu bheil gach gleann na fhàsach
Thèid mi fhìn 's mo Mhàiri thairis.
Thèid i leam à tìr nam fraoch bheann
On tha daoin' air dol à fasan.
Seòlaidh sinn à tìr ar dùthchais
Cur ar cùlaibh ris na beannaibh.
Thèid i leam a-null thar sàile,
Far an dèan an Gàidheal beairteas.
'S Ged bhiodh gach latha na shamhradh,
Chaoidh bidh tìr nam beann air m' aire.
Is mun càirear anns an ùir sinn
'S i mo dhùrachd tilleadh dhachaigh.
Chum 's gun tòrrar mise 's m' annsachd
'N tìr nam beann nan gleann 's nan gaisgeach.
Rinneadh an clàradh seo ann am Baile Àtha Cliath ann an 1930 le ceathrar a' seinn fon ainm St Columba Gaelic Quartet. 'S iadsan Alasdair ...
Fiosrachadh air Ceathrar à Còisir Eaglais Chaluim Chille / Learn more about Ceathrar à Còisir Eaglais Chaluim ChilleCopyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.