Am Maistreadh a Bh' aig Moire

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: clo nan nighean.

This is a song written by: Gun Urra and sung by: clo nan nighean.

Facail an Òrain / Song Lyrics

Am maistreadh a bh' aig Moire
Air ùrlar a' ghlinne,
A' meudachadh an ime,
A' lùghdachadh a' bhainne.

Sèist / Chorus

Thig a chuinneig, thig.
Blàthach gu dòrn, 's ìm gu uilinn,
Thig a chuinneig, thig.

Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha glag an seo, tha glug an seo,
Tha rud as fheàrr na chòir an seo,
Tha rud nas fheàrr na fìon ann.

Tha glug an seo, tha glag an seo,
Tha seilcheag mhòr air bhog an seo,
Tha làn cuman Cairistiona
Do dh' ìm brèagha buidh' againn.

Thig an lòn, thig an smeòr',
Thig an ceòl às a' bhrùth,
Thig a' chuthag, thig a' cheathag,
Thig an fhosgag-adhair.

Copyright © 2015 BBC.Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.